Leathad a' Ghobhainn air a' mhargaid

  • 15 An Cèitean 2017
Leathad a' Ghobhainn Image copyright Julian Paren/Geograph

Tha oighreachd ainmeil air taobh siar Rois air a dhol air a' mhargaid airson £4.5m.

Tha 11,000 acair, coille, teachd-a-steach bho chumhachd ath-nuadhachail, agus loidse ann an Oighreachd Leathad a' Ghobhainn, ann an Achadh na Sìne.

Chaidh an oighreachd air a' mhargaid mu dheireadh ann an 2010 airson £2.5m.

Bha connspaid ga cuairteachadh bhon uair sin, is cuid a' gearain gu làidir gun robh bacadh a' dol air còirichean coiseachd.