Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ionnsaigh Cyber

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gum bu chòir do sheirbheisean a bhith an ìre mhath air ais mar a bu chòir aig an 11 de bhùird shlàinte air an tug an ionnsaigh cyber Dihaoine buaidh. Thuirt i nach deach fiosrachadh pearsanta mu euslaintich a chall, agus chaidh iarraidh air euslaintich a dhol gu ospadail agus ionadan meidigeach mar a bha dùil aca an-diugh mura cluinn iad an caochladh.

Iomairt an Taghaidh Choitchinn

An an iomairt an Taghaidh Choitchinn an-diugh tha na Tòraidhean a' gealltainn tuilleadh chòirichean do luchd-obrach, 's na Làbaraich an Alba a' toirt aire gu mar a tha an àireamh de bhancaichean bìdhe ag èirigh. Canaidh an SNP gur e buaidh dhaibhsan an aon dòigh air a bhith cinnteach gum faigh Alba àite ann an còmhraidhean Brexit. Tha Libearalaich Dheamocratach na h-Alba ag ràdh gun togadh iadsan an casg air 1% air pàigheadh do luchd-obrach anns na Roinn Phoblaich.

Tha làn-fhiosrachadh ann a-niste air an àireamh thagraichean ann an roinnean taghaidh na h-Alba anns an Taghadh Choitcheann air an ath-mhìos. Tha an SNP, na Tòraidhean agus na Làbaraich a' cur tagraiche anns a h-uile tè de na 59 roinn. Tha UKIP a' seasamh ann an deich, agus Pàrtaidh Uaine na h-Alba ann an trì.

An Atmhorachd

Tha rabhadh às ùr ann gum bi ìre bhith-beò earrainn mhòir de luchd-obrach a' tuiteam am-bliadhna, agus an atmhorachd a' fàs nas motha na tha tuarastail. Tha tomhas Institut Catharra Luchd-Obrach agus Leasachaidh a' tighinn goirid an dèidh rabhadh den aon sheòrsa an t-seachdain seo chaidh bho Bhanca Shasainn.

Eaglais Shaor Gharraboist

Dh'aontaich dà choithional na h-Eaglaise Saoire san Rubha ann an Leòdhas a tha a' tighinn còmhla gur e Eaglais Shaor Gharraboist a bheir iad air a' choithional ùr. Tha dà choithional air a bhith ann san sgìre an dèidh sgarradh bho chionn còrr is 40 bliadhna. Feumaidh am moladh airson coithionail ùir Gharraboist a dhol tro dhiofar ìrean anns an eaglais, agus tha dùil gun gabh Coimisean an t-Seanaidh ris anns an Damhair.

An Fhraing

Tha dùil gun ainmich Ceann-Suidhe ùr na Frainge, Emmanuel Macron, prìomhaire an-diugh an dèidh dha a bhòidean a ghabhail an-dè. Bidh e a' siubhal an uair sin dhan Ghearmailt airson chòmhraidhean ris an t-Seansalair Angela Merkel.