Ainm do choithional ùr

  • 15 An Cèitean 2017
Eaglais Shaor a' Chnuic Image copyright John Aldersey-Williams/Geograph

Dh'aontaich an dà choithional den Eaglais Shaoir anns an Rubha an Leòdhas gun gabh iad Eaglais Shaor Gharraboist air a' choithional aonaichte.

Chaidh Eaglais Shaor an Rubha a stèidheachadh an dèidh do phàirt den choithional sgaradh bho Eaglais Shaor a' Chnuic tràth anns na 1960an.

Thòisich gluasad a dh'ionnsaigh an dà choithional a thoirt air ais ri chèile an-uiridh, agus chaidh bhòtadh air ainm ùr thairis air na seachdainnean a dh'fhalbh.

Bha an t-Oll. Urr. Iain D. Caimbeul, nach maireann, an sàs ann a bhith a' toirt an dà choithional ri chèile.

Feumar a-niste an co-dhùnadh a dhaingneachadh aig grunn ìrean taobh a-staigh na h-Eaglaise Saoire.

Tha dùil gun tèid an cead deireannach a thoirt seachad aig Coimisean an Àrd-Sheanaidh san Damhair.