In-ghabhail Ròcabarra ceangailte ri Raon nan Rocaidean

  • 15 An Cèitean 2017
Ròcabarra Image copyright Andy Strangeway/Geograph

Tha e air tighinn am follais gur ann airson stad a chur air nàimhdean bho bhith a' faighinn sealladh air obair Raon nan Rocaidean ann an Uibhist a Deas a ghabh an Riaghaltas uachdranas air Ròcabarra sna 1950an.

Thar nam bliadhnaichean tha dùthchannan eile air mar Èirinn, Innis Tìle agus an Danmhairg air a bhith ag argamaid gur ann leothasan a tha an sgeir a-muigh sa Chuan Shiar.

Chaidh plag umha agus bratach an Aonaidh a chur air Ròcabarra, a tha 240 mìle an iar air Tìr Mòr na h-Alba, air an 18mh là den t-Sultain 1955.

Dh'innis riochdaire Bhreatainn do choinneimh NATO ann am Paris trì làithean às dèidh sin, an 21mh, gun do leudaich an Rìoghachd Aonaichte a h-uachdranas gus am biodh Ròcabarra na phàirt dhith.

Dìomhair

B' ann aig an dearbh-choinneimh a bha sin a dh'innis Breatainn do NATO gun robhas am beachd raon rocaid a stèidheachadh ann an Uibhist a Deas, agus gun robh an Riaghaltas airson dèanamh cinnteach nach deadh aig nàimhdean sam bith iad fhèin a stèidheachadh air Ròcabarra, airson a bhith ag amharc air buaidh nan deuchainnean a bha gu bhith gan dèanamh aig an raon.

Chaidh innse cuideachd gum biodh an Riaghaltas a' sgaoileadh brath-naidheachd nas fhaide den là sin, ag innse mu na rinn iad air Ròcabarra.

Dh'iarr riochdaire Bhreatainn ge-tà, gun deadh an adhbhar a bh' air a chùlaibh a chumail dìomhair.

Dà bhliadhna às dèidh sin, thòisich an obair air togail Raoin nan Rocaidean ann an Gèirinis an Uibhist a Deas.

Chaidh tasglann de sheann phàipearan aig NATO, a bha aig aon àm dìomhair, a-niste fhosgladh air an làraich-lìn aca.

Tha fiosrachadh mun choinneimh ann am Paris na phàirt dheth.

Chan eil uachdranas Bhreatainn air Ròcabarra air a bhith gun dùbhlan ge-tà, agus dùthchannan eile airson brath a ghabhail iar a' bheatas de dh'iasgach a tha sa mhuir mu thimcheall.

Tha sgrùdadh cuideachd air sealltainn gu bheil ola fo grunnd na mara san sgìre.

Ann an 1982, chaidh ceist a thogail, seach nach eil e comasach do dhuine sam bith tighinn beò air an sgeir, nach eil e iomchaidh a chleachdadh mar chrìch uachdranais na dùthcha.

Gus sin a fhreagairt, chuir fear Tom MacIllEathain seachad 40 là air ann an 1985, agus e airson smachd na Rìoghachd Aonaichte a dhaingneachadh.