"Tha sinn fhathast a' creidsinn" - Foran

  • 15 An Cèitean 2017
Richie Foran Image copyright SNS
Image caption Bha droch là eile aig Richie Foran is Caley Thistle Disathairne.

Thuirt manaidsear Chaley Thistle gu bheil e fhathast a' creidsinn gun urrainn dhaibh fuireach sa Phrìomh Lìog, a dh'aindeoin buille eile air an deireadh-sheachdain.

Bha Richie Foran a' bruidhinn is sgioba Inbhir Nis air call 2-1 ann an Cille Mheàrnaig Disathairne.

Chaill iad mar sin cothrom air a' bheàrn dhan 11mh àite a ghearradh gu puing, is Hamaltan fhathast ceithir puingean os an cionn.

Dh'fhaodadh Inbhir Nis a-nise a dhol sìos Dimàirt ma bhuannaicheas Hamaltan ann an Inbhir Pheofharain.

Fiù 's ged a chailleadh Hamaltan, dh'fhaodadh ICT a dhol sìos Diciadain mura faigh iad rudeigin bhon gheama aca an aghaidh Dhùn Dè.

Dòchas

Thuirt Foran, ge-tà, gu bheil dòchas ann fhathast.

"Ma nì County fàbhar dhuinn, tha mi a' creidsinn gun urrainn dhuinn faighinn a-mach às an staing seo", thuirt Foran.

"Chuireadh e cuideam mòr air Hamaltan air an là mu dheireadh den t-seusan.

"Feumaidh sinn gnothaichean a bhith a' dol nar fàbhar sa gheama sin, is ma gheibh sinne trì puingean an aghaidh Dhùn Dè, chan eil fios agad.

"Chan eil e a' cur dragh sam bith orm gur e Ross County a th' ann, chan eil idir. Tha mise cinnteach gun dèan County an dìcheall an geama sin a bhuannachadh.

"Tha cothrom beag againn fhathast is tha sinn fhathast a' creidsinn", thuirt e.

Sàbhailte

Tha Ross County iad fhèin a-nise sàbhailte gu h-oifigeil is iad air puing a thoirt à Dùn Dè Disathairne.

Chaidh iad air thoiseach tràth le tadhal eile bho Liam Boyce, ach bha aca ri bhith riaraichte le puing às dèidh breab-peanais bho Dharren O'Dea san dàrna leth.

"Tha sinn a' dol gu math is tha sinne a-nise sia geamaichean gun chall", thuirt am manaidsear, Jim Mac an t-Saoir.

"Chan eil sin dona idir, is tha sinn airson a chumail a' dol 'son an dà gheama mu dheireadh", thuirt e.

Bithidh agus muinntir Inbhir Nis.