Ceann-là airson iarrtasan IACS

  • 15 An Cèitean 2017
Uain
Image caption Tha trioblaidean air a bhith ann le siostam compiutaireachd Riaghaltas na h-Alba

Feumaidh tagraidhean airson taic-airgid IACS, air a bheil subsadaidhean àiteachais a' crochadh, a bhith a-staigh ro mheadhan-oidhche Diluain.

Tha dragh ann gu bheil an àireamh dhaoine a lìon na foirmichean anns na h-Eileanan Siar thuige seo am-bliadhna na b' ìsle na bhiodh dùil.

Tha trioblaidean mòr air a bhith ann le subsadaidhean àiteachais anns an dà bhliadhna a dh'fhalbh le cuid a' feitheamh còrr air bliadhna airson an cuid airgid.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba ge-tà, gun deach na foirmichean air-loidhne a dhealbh airson an t-siostam a dhèanamh nas sìmplidh.

"Sàrachadh"

Thuirt Dòmhnall MacSuain, a tha na chroitear ann an Nis ann an Leòdhas, gu bheil a' chùis air a bhith sàraichte do chroitearan.

"Bho thàinig an CAP ùr a-steach ann an 2015 tha cùisean a air a bhith truagh - 's ann a' fàs nas miosa a tha iad".

"Tha tòrr dhaoine air a bhith a' feitheamh mìosan 's mìosan 's bliadhna airson airgead fhaighinn - tha mi fhìn nam measg. B' àbhaist dhuinn a bhith a' faighinn pàigheadh LFASS - Less Favoured Areas Support Scheme - aig deireadh a' Mhàirt agus tha mise an dràsta a' feitheamh airgid, an t-iarrtas a chuir mi a-steach ann an 2015 a bu chòir dhomh a bhith air faighinn aig deireadh a' Mhàirt 2016."

"Tha an t-uabhas eile anns an aon suidheachadh" thuirt e.

Thuirt Dòmhnall MacSuain cuideachd gur e trioblaidean le siostam compiutaireachd an Riaghaltais fhèin a dh'fhàg nach do chuir e an tagradh aige fhèin a-staigh na bu thràithe.

"An adhbhar nach deach e a-steach, 's e nach robh an t-siostam aca ag obair agus gu math tric nuair a dh'fheuchas tu ri dhol air loidhne agus a dhol a-steach dhan t-siostam aca, tha e ag ràdh gu bheil iad ag obair air 's nach fhaigh thu a-steach ann 's gu bheil e slaodach neo rud mar sin."

Thuirt Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, gun deach na foirmichean iarrtas air-loidhne a dhealbh airson a bhith nas sìmplidh, leis gu bheil an t-siostam a dol tro na h-iarrtasan a' coimhead airson mearachdan.

Dh'iarr e air duine sam bith aig a bheil feum air tuilleadh fiosrachaidh mun a' phroiseas fios a chur air an oifis ionadail as fhaisge orra.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile