Luchd-smàlaidh a' strì ri teine monaidh

  • 15 An Cèitean 2017
Wildfire on Sunday night Image copyright John MacDonald/SFRS

Tha luchd-smàlaidh air a bhith ag obair tron oidhche a' feuchainn ri smachd fhaighinn air teine monaidh faisg air Inbhir Nis.

Thòisich an teine mu 5:00f Là na Sàbaid ann an sgìre Easaich, deas air Inbhir Nis.

Bha an tèine ri fhaicinn bhon bhaile.

Thuirt an t-Seirbheis Smàlaidh nach deach aca air an teine a mhùchadh fhathast agus a' ghaoth ga sgaoileadh.

Tha ceithir carbadan smàlaidh fhathast an làthair.

Cha deach duine a ghoirteachadh, agus cha deach togalaichean sam bith a mhilleadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile