Ceist mu raon-goilf ùr Euraboil
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Planaichean son raon-goilf ùr Euraboil gan sgrùdadh

12 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha planaichean connspaideach airson raon-goilf ùr air a' mhachair tuath air Eurabol ann an Cataibh fo sgrùdadh, le ceithir buidhnean glèidhteachais air cur nan aghaidh.

Tha fear-gnìomhachais Aimeireaganach, Ted Warnock, airson raon ùr a dhèanamh, a chosgas seachd millean not.

A-rèir Comann Rìoghail Dìon nan Eun, tha a' mhachaire cudromach a thaobh eòin, lusan agus beathaichean.

Ach, tha cuid eile sa bhaile ag ràdh gu bheil cruaidh fheum air an leasachadh seo sa sgìre.