Cathraiche ùr air Dualchas Nàdair na h-Alba

  • 12 An Cèitean 2017

Chaidh Mike Cantlay ainmeachadh mar chathraiche ùr Dhualchas Nàdair na h-Alba (SNH).

Bha an Dtr. Cantlay roimhe na chathraiche air VisitScotland, eadar 2010 agus 2016, agus tha e cuideachd na chathraiche air Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL).

Bidh SNH a' comhairleachadh an Riaghaltais air obair àrainneachd agus ghlèidhteachais agus chaidh Mike Cantlay a chur ann an dreuchd le Rùnaire na h-Àrainneachd, Roseanna Choineagan.

Thuirt i gum bi eòlas farsaing an Dtr. Chantlay na bhuannachd mhòir dhan bhuidhinn.

Tha Mike Cantlay a' fuireach le a theaghlach air oighreachd bhig ann an Siorrachd Pheairt.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile