Cobhair air sreapadair

  • 12 An Cèitean 2017

Tha cobhair ga dhèanamh air boireannach ann an ospadal a' Bhelford anns a' Ghearasdan às dèidh dhi tuiteam fhad 's a bha a sreap ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd.

Thuit am boireannach timcheall air ceud troigh far Mhullach Fraoch-Choire eadar Gleann Seile agus Gleann Afraig feasgar Diardaoin.

Chaidh fios a chur air na seirbheisein èiginn mu 3:00f Diardaoin agus chaidh am boireannach a thoirt far na beinne le heileacoptair Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh a bha a' trèanadh san sgìre aig an àm.