Turasachd rèile ga brosnachadh aig tuath

  • 12 An Cèitean 2017
Stèisean Inbhir Theòrsa Image copyright John Lucas/Geograph

Thuirt Còmhdhail Alba gu bheil iad a' leantainn orra le am planaichean airson barrachd dhaoine a thàladh chun na rèile an ceann a tuath na dùthcha.

Chaidh grunn choinneamhan a chumail Dihaoine air a' chuspair.

Thàinig ceannard phoileasaidhean rèile Còmhdhail Alba gu tuath gus coinneachadh ri grunn bhuidhnean mu mar as urrainnear piseach a thoirt air margaidheachd loidhne rèile a' chinn a tuath.

Chaidh còmhraidhean a chumail le buidhnean turasachd am measg eile a thuilleadh air VisitScotland fhèin.

Thuirt Stiuiriche na Gàidhealtachd aig VisitScotland, Scott Armstrong, gum biodh buannachd mhòr ann de luchd-còmhnaidh na sgìre nan tigeadh barrachd luchd-turais air an loidhne.

Tha VisitScotland ag ràdh gu bheil iomairt-sanasachd ùr a dhìth leithid na chaidh a dhèanamh le slighe rathaid a' chinn a tuath, no an North Coast 500 mar a th' aca air a-nis, 's na buidhnean den bheachd gun toireadh e spionnadh às ùr dhan loidhne rèile.