Teine monaidh a' dùnadh loidhne-rèile

  • 12 An Cèitean 2017
An teine an Gleann Fhionghain Image copyright Samantha Claus

Tha casg air trèanaichean eadar an Gearasdan agus Malaig, agus luchd-smàlaidh a' strì gus smachd fhaighinn air teine monaidh ri taobh na loidhne.

Chaidh fios a chur air an t-seirbheis smàlaidh mu 11:00m Dihaoine,

Thuirt an t-seirbheis gun robh an teine air buaidh a thoirt air timcheall air 50 acaire.

Chuireadh ceithir carbadan-smàlaidh chun na làraich, agus tha luchd-smàlaidh a' cleachdadh spaidean-smàlaidh agus uisge gus smachd fhaighinn air an teine.

Thuirt Scotrail gun deadh busaichean a chur air dòigh gus leigeil le daoine leantainn orra le an tursan, agus gu bheil fiosrachadh air an làraich-lìn aca, agus air an Twitter aca.