Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dèiseadh Cloinne

Thèid co-chomhairleachadh trì mìosan a chumail an Alba mu co-dhiù bu chòir dèiseadh cloinne a bhith buileach mì-laghail. Tha an conaltradh air Bile Co-ionnannachd an Dìon, ag amas air an aon dìon a thoirt do chloinn agus a th' aig inbhich bho ionnsaighean. Tha grunn bhuidhnean a' cur taic ris, leithid Eaglais na h-Alba, agus Comann nan Superintendant Poilis. Ach thuirt ùghdar leabhair mu àrach chloinne, Anne Atkins, gu bheil diofar eadar clann a cheannsachadh agus ionnsaigh a thoirt orra, 's gum feumaiste a bhith furachail le reachdas.

An Tuirc

Tha poilis anns an Tuirc air na ficheadan dhaoine a bha uair ag obair ann am margaidh earrainnean Istanbul a chur an grèim mar phàirt de rannsachadh air oidhirp anns an Iuchar an-uiridh cur às dhan Riaghaltas. Tha na h-ùghdarrasan ag ràdh gu bheil an fheadhainn a chuireadh an grèim fo amharas ceangal a bhith aca ris a' chlèireach Fethulla Gulen, a tha stèidhichte ann an Aimeireaga. Tha Ankara ag ràdh gur esan a bh' air cùlaibh an oidhirp air coup.

Nirribhidh

Tha ùghdarrasan Nirribhidh a' rannsachadh mar a thàinig heileacoptair a tha clàraichte ann am Breatainn a-nuas anns a' mhuir faisg air Bergan a' bhòn-dè. Chaidh aon neach a dhroch leòn, agus dithis a leòn gu ìre nas lugha sa chùis. Bha an t-itealan AS350 air a bhith a' siubhal às na h-Eileanan a Tuath. Tha luchd-sgrùdaidh nan tubaistean-adhair ag ràdh gun robh e an impis laighe air iacht prìobhaideach nuair a chaidh e dhan mhuir.

Iomairt an Taghaidh

Aig deireadh na ciad sheachdain slàin de dh'iomairt an taghaidh bidh ceannard nan Làbarach an Alba, Kezia Dugdale, ann an Steòrnabhagh, far am bruidhinn i am measg eile air an dìon a th' air a' mharag dhubh a ghlèidheadh. Bidh am Prìomh Mhinistear Nicola Sturgeon ann an Inbhir Nis, far am bruidhinn ise air planaichean an SNP poileasaidhean teannais Westminster aotromachadh. Iarraidh ceannard nan Lib-Deamach an Alba, Willie Rennie, air an SNP planaichean airson dàrna referendum air neo-eisimeileachd a leigeil seachad. Agus tha am Pàrtaidh Tòraidheach an Alba gu bhith ag iomairt ann an Siorrachd Pheairt, 's iad a' cur an aghaidh dàrna referendum air neo-eisimeileachd.

An t-Eilean Dubh

Bha luchd-smàlaidh a-muigh an-diugh a-rithist aig teine coille anns an Eilean Dubh. Bhathas a' strì nas tràithe den t-seachain ri teine mòr ann an coille faisg air Ceasag a Tuath. Thuirt an t-seirbheis smàlaidh gun robh an teine eile anns an aon sgìre an-diugh, ach gun robhas air smachd fhaighinn air.

Dòrnach

Bidh coinneamh phoblach ann an Dòrnach an-diugh mu phlana chonnspaideach raon-goilf ùr a chruthachadh air a' mhachair anns an sgìre. Tha buidhnean glèidhteachais air a' choinneamh a ghairm agus dragh mòr orra mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig a' phlana air sgìre a tha ga meas sònraichte a thaobh nàdair. 'S e fear-gnothaich Aimeireaganach a th' air cùl a' phlana. Tha sgarradh bheachd mu dheidhinn anns an sgìre 's cuid a' comharrachadh nam buannachdan eaconomach a dh'fhaodadh a bhith na chois.

Torcuil Crichton

Chaidh duais Neach-Naidheachd na Bliadhna a bhuileachadh air deasaiche Westminster an Daily Record, Torcuil Crichton, aig Duaisean Phàipearan Naidheachd na h-Alba an-raoir. Tha Mgr Crichton, a bhuineas dhan Rubha, tric ag aithris air poileataigs air Radio nan Gàidheal. Am measg eile an-raoir, chaidh duais Phàipear-Naidheachd na Bliadhna cuideachd dhan Daily Record. 'S i Susan Swarbick aig an Herald a fhuair duais Neach-Agallaimh na Bliadhna.