Coinneamh mu raon-goilf ùr Euraboil

  • 12 An Cèitean 2017
Tràigh Euraboil Image copyright Julian Paren/Geograph
Image caption Tha gach cuid golf agus turasachd cudromach do dh'eaconamaidh na sgìre.

Chaidh planaichean connspaideach airson raon-goilf ùr air a' mhachair tuath air Eurabol ann an Cataibh, a sgrùdadh aig coinneimh phoblaich ann an Dòrnach oidhche Ardaoin.

Tha fear-gnothachais Aimeireaganach, Ted Warnock, airson raon ùr a dhèanamh air cosgais de £7m.

Tha sgaradh bheachd ann mu a dheidhinn ge-tà.

Tha buidhnean glèidhteachais leithid Comann Rìoghail Dìon nan Eun ag ràdh gu bheil am machair cudromach do eòin, lusan 's beathaichean.

"Mecca Goilf"

Ach, tha cuid eile san sgìre ag ràdh gum brosnaich e turasachd 's gum bi obraichean na chois.

"Chan eil sinn a' cluinntinn cus mu dheidhinn, ach saoilidh mi gu bheil a' chuid as motha air a shon," thuirt an t-Urr. Donnchadh MacLeòid, a tha a' fuireach ann an Dòrnach.

"'S e baile a tha seo a tha gu math trang le gnothaichean goilf tron bhliadhna. Tha ùidh mhòr aca anns a' gheama.

"Saoilidh mi dìreach gur e "Mecca goilf" a chanadh tu a th' ann an seo.

"An Raon Rìoghail, tha e sin ainmeil air feadh an t-saoghail, agus tha raon eile dìreach ri a thaobh a bhios na daoine cumanta tha mi a' creidsinn a' cluich. Chan eil e a' cosg uimhir sin.

"Agus a-rithist raointean-goilf eile faisg air làimh ann an Goillspidh 's am Brùra. Fear beag ann am Bun Illidh, agus tha fear dha na daoine fìor bheartach a-muigh aig Sgeireabol.

"Ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil am mòr-shluagh den bheachd gu bheil àite ann airson raoin eile cuideachd.

"Tha feadhainn ann a tha den bheachd gun toir e milleadh air an àrainneachd, agus tha cuid eile ag ràdh uill tha gu leòr raointean-goilf ann mar thà 's carson a tha feum againn air fear eile?

"Ach chan eil mi den bheachd aig an ìre seo gu bheil cus a' cur na aghaidh.

"Tha mi a' smaoineachadh mura biodh golf, gum biodh tòrr ghnothachasan nach biodh idir anns a' bhaile.

"Anns na dhà no trì bliadhnaichean mu dheireadh tha gnothachasan ùra a' fosgladh, agus 's ann co-cheangailte ris a' gholf a tha cuid dhiubh sin co-dhiù.

"Aig amannan sònraichte den bhliadhna bidh daoine beartach o air feadh an t-saoghail a' tighinn, gu h-àraid Aimeireaganaich, agus mura biodh sin, chan eil mise a' smaoineachadh gum biodh am baile seo eadhon aig an ìre aig a bheil e an-diugh a thaobh beartais agus soirbheachaidh," thuirt e.

Chan e golf a-mhàin a tha cudromach do dh'eaconamaidh na sgìre ge-tà, agus àilleachd na dùthcha cuideachd a' tàladh luchd-turais.

"Tha mis a' smaoineachadh, taobh a-muigh de dh'Eilean Leòdhais, nach eil sgìre eile de dh'Alba a tha cho brèagha ri taobh sear Chataibh," thuirt an t-Urr. MacLeòid.

"Tha raointean mòra againn ann an seo, gainmheach àlainn, agus tha tràigh chan ann a-mhàin an seo ach cuideachd suas Goillspidh.

"Tha mòran dhaoine a' tighinn, 's tha daoine a' fuireach ann an carabhanaichean an seo ann an Dòrnach agus ann an Eurabol cuideachd.

"Tha sinne a' faicinn fad na bliadhna gu bheil luchd-turais a' tighinn 's a' fuireach anns na carabhanaichean agus anns na taighean a th' ann an sin.

"Tha na ceudan, mura h-eil barrachd dhiubh, a' tighinn gach bliadhna, agus tha sin dheth fhèin a' toirt tòrr airgid agus soirbheachaidh dhan sgìre," thuirt e.