Buaidh no bàs 'son ICT

  • 12 An Cèitean 2017
ICT Image copyright SNS
Image caption Tha ICT a' creidsinn às ùr gun urrainn dhaibh fuireach sa Phrìomh Lìog.

Thèid Caley Thistle a Chill Mheàrnaig Disathairne is cruaidh-fheum aca a-rithist air na trì puingean.

Bha coltas dubhach dha-rìribh air suidheachadh ICT nuair a chaill iad 4-0 ann an Inbhir Pheofharain bho chionn cola-deug, is mòran den luchd-leantainn aca a' gabhail ris an oidhche ud gun robh Caley air an t-slighe dhan Championship.

Thàinig dòchas às ùr, ge-tà, le buaidh 2-1 air Hamaltan an t-seachdain seo chaidh.

Bha luchd-taic ICT a' suathadh nan sùilean is an sgioba air tighinn beò air am beulaibh, a' cruthachadh chothrom às dèidh chothrom sa chiad leth gu sònraichte.

'S e sgioba dhiofraichte a bha seo bhon tè a ghèill gun strì an aghaidh Ross County.

Chan eil Inbhir Nis a-nise ach ceithir puingean air cùl Hamaltan is Tobar na Màthar, is le na sgiobaidhean sin a' dol an aghaidh a chèile Disathairne, bhiodh trì puingean 'son ICT ann an Chill Mheàrnaig gam fàgail dà phuing air dheireadh aig a' bhonn aig a' char as miosa.

Nan cailleadh iad ann an Siorrachd Àir, bhiodh iad a-rithist air oir na creige.

Thuirt manaidsear Chaley Thistle, Richie Foran, nach eil iad a' smaointinn air dad ach an geama aca fhèin.

"Feumaidh sinn an obair againn fhèin a dhèanamh", thuirt Foran.

"S e àite doirbh a th' ann an Cille Mheàrnaig agus pàirc dhoirbh.

"Bu chòir ball-coise aig àrd-ìre a bhith air a chluich air feur nam bheachd-sa, ach tha sinn air trèanadh air pàirc phlastaig an t-seachdain seo, is chan eil mi airson gum bi leisgeulan sam bith a' tighinn bho na cluicheadairean.

"Tha sinn misneachail a-nise, ach 's e an rud as motha a tha mi ag iarraidh 's e obair chruaidh agus gun seall na balaich cho mòr 's a tha iad airson an geama seo a bhuannachadh", thuirt e.