A' Ghàidhlig ann an Stafainn
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Thàinig iarrtas airson taighean air prìs reusanta a-measg eile aig coinneamh an Stafainn

11 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bha iarrtas airson taighean air prìs reusanta airson teaghlaichean a chumail sa sgìre, agus ceanglaichean a bharrachd eadar a' Ghàidhlig agus gnìomhachas na turasachd a-measg na beachdan a thog ceann aig coinneamh ann an Stafainn Diciadain.

Tha a' bhuidheann Soillse a' cur air dòigh sreath choinneamhan poblach mun a' Ghàidhlig ann an sgìrean far a bheil i fhathast làidir.

Bha beagan de bhriseadh dùil ann ge-tà, leis nach do nochd ach dithis aig a' choinneimh.