Ticeadan nas saoire an Inbhir Pheofharain

  • 11 An Cèitean 2017
Global Energy Stadium Image copyright SNS

Tha Ross County air prìs nan ticeadan seusain aca a ghearradh is an cathraiche ag ràdh gu bheil ball-coise ro dhaor.

Thuirt Roy MacGriogair gum bi County tric a' coinneachadh ris an luchd-taic aca, is gun robh e follaiseach gun robh dragh air daoine mu phrìsean.

Thuirt Mgr MacGriogair gu bheil County ag aithneachadh gum feum iad barrachd a dhèanamh.

Mar sin, thèid prìs ticeid san Jail End an ath-sheusan a ghearradh bho £300 gu £200.

Thèid prìsean nan ticeadan seusain ann an àiteachan eile aig a' Ghlobal Energy Stadium a chumail aig an aon ìre.

Bidh cothrom aig cloinn nas òige na 12 ticead seusain a cheannach airson £5, is lasachadh ann cuideachd do dhaoine nas sine na 65 is 75.

"Cha do chuir sinn na ticeadan seusain suas fad còig bliadhna, ach bha sinn 'son a dhol nas fhaide feuch cothrom a thoirt dha barrachd dhaoine tighinn dha na geamaichean", thuirt Roy MacGriogair.

"Tha diofar mòr eadar £200 is £300 is tha sinn an dòchas gum bi e nas fhasa dha cuid nach b' urrainn a' phrìs a bh' ann a phàigheadh", thuirt e.

Bha Ross County mar-thà air innse gum faigh a h-uile duine a-steach dhan gheama mu dheireadh aca den t-seusan aig an taigh an asgaidh.

Bidh an geama sin ann an aghaidh Hamaltan Dimàirt an 16mh den Chèitean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile