Cùrsa connspaideach air a dhealbh às ùr

  • 11 An Cèitean 2017
Colaiste Inbhir Nis
Image caption Colaiste Inbhir Nis

Thàinig air Colaiste Inbhir Nis fear de na cùrsaichean aca a dhealbh às ùr às dèidh mar a dh'fhailich a h-uile oileanach a bha ga dhèanamh.

Tha Colaiste Inbhir Nis na pàirt de dh'Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (UHI).

Bha 20 deugaire air a' chùrsa Meadhanan aig Àrd-Ìre aig a' cholaiste an-uiridh, ach cha do rinn duine aca a' chùis air.

Bha a' mhòr-chuid dhiubh a' feuchainn ri teisteanasan fhaighinn airson a dhol air adhart dhan oilthigh.

Fhuair sgrùdadh a rinn an SQA gun do dh'obraich an cùrsa mar a bu chòir gu nàiseanta.

Thuirt Colaiste Inbhir Nis gun robh iad air an cùrsa a dhealbh às ùr às dèidh ath-sgrùdaidh.

Dh'innis iad gum bi iad a' dèanamh ath-sgrùdaidh air a' churraicealam gach bliadhna, is gum bi cùrsaichean ag atharrachadh a rèir an iarrtais a th' ann gu h-ionadail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile