Tagraichean an Taghaidh Choitchinn an Earra-Ghàidheal agus Bòd

  • 11 An Cèitean 2017
Bogsa baileat Image copyright Getty Images

Chaidh na tagraichean airson Roinn-Taghaidh Earra-Ghàidheal is Bhòid aig an Taghadh Choitchinn air 8mh an t-Ògmhios ainmeachadh gu h-oifigeil.

'S iad an ceathrar thagraichean a leanas a tha a' seasamh:

Earra-Ghàidheal agus Bòd

  • Michael James Kelly - Pàrtaidh Làbarach na h-Alba
  • Gary Mulvaney - Pàrtaidh Tòraidheach agus Aonaidheach na h-Alba
  • Brendan O'Hara- Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (SNP)
  • Alan Reid - Libearalaich Dheamocratach na h-Alba

Bidh ionadan-bhòtaidh fosgailte Diardaoin 8mh an t-Ògmhios eadar 07:00m agus 10:00f.