Tagraichean an Taghaidh Choitchinn air Ghàidhealtachd

  • 11 An Cèitean 2017
Bogsa baileat Image copyright Getty Images

Chaidh 15 tagraichean a sheasas anns na trì Roinnean-Pàrlamaid air Ghàidhealtachd anns an Taghadh Choitcheann air an ath-mhìos ainmeachadh gu h-oifigeil.

Seasaidh ceathrar thagraichean ann an Ghallaibh, Cataibh agus Ros an Ear.

Seasaidh sianar thagraichean ann an Ros, an t-Eilean Sgitheanach agus Loch Abar.

Seasaidh còignear thagraichean an an Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach is Srath Spè.

'S iad na daoine a leanas a sheasas, a rèir Roinne-Pàrlamaid:

Gallaibh, Cataibh agus Ros an Ear

•Olivia Bell - Pàrtaidh Làbarach na h-Alba

•Struan Mackie - Pàrtaidh Tòraidheach agus Aonaidheach na h-Alba

•Paul Monaghan - Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (SNP)

•Jamie Stone - Libearalaich Dheamocratach na h-Alba

Ros, an t-Eilean Sgitheanach agus Loch Abar

•Ian Blackford - Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (SNP)

•Ronnie the Crofter, Campbell - Neo-Eisimeileach

•Jean Davis - Libearalaich Dheamocratach na h-Alba

•Robert Mackenzie - Pàrtaidh Tòraidheach agus Aonaidheach na h-Alba

•Peter Ó Donnghaile - Pàrtaidh Làbarach na h-Alba

•Stick Sturrock - Rudeigin Ùr

Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach is Srath Spè

•Donald MacLeod Boyd - Pàrtaidh Crìosdaidh na h-Alba "A' Gairm Tighearnas Chrìosda"

•Ritchie Cunningham - Libearalaich Dheamocratach na h-Alba

•Drew Hendry - Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (SNP)

•Mike Robb - Pàrtaidh Làbarach na h-Alba

•Nicholas Tulloch - Pàrtaidh Tòraidheach agus Aonaidheach na h-Alba

Bidh ionadan-bhòtaidh fosgailte Diardaoin 8mh an t-Ògmhios eadar 07:00m agus 10:00f.