Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Làbaraich

Tharraing ceannard nan Làbarach, Jeremy Corbyn, a-mach à tachartas ris an robh dùil an-diugh ann an iomairt an taghaidh an dèidh mar a chaidh dreach de mhanifesto nan Làbarach a sgaoileadh gun chead. Tha sin a' gealltainn, am measg rudan eile, an rèile, am Post Rìoghail, agus pàirtean de ghnìomhachas a' chumhachd a chur fo smachd na stàite. Thuirt na Làbaraich nach can iad dad mu na planaichean aca gus an tèid am manifesto slàn fhoillseachadh an ath-sheachdain.

Na Tòraidhean

Thuirt na Tòraidhean, ma thèid an tilleadh mar riaghaltas, gun cum iad ri gealltanas NATO gun tèid 2% air a' char as lugha de thoradh eaconamach gach dùthcha a chosg air dìon. Gheall iad cuideachd buidseat an dìon àrdachadh co-dhiù 0.5% os cionn rèat na h-atmhorachd airson a h-uile bliadhna den phàrlamaid ùir. Chaidh Rùnaire an Dìon, Sir Mìcheal Fallon, às àicheadh aithrisean gu bheil na feachdan armaichte ann an èiginn le cion airgid.

An Taghadh

'S e an-diugh an là mu dheireadh air am faod daoine clàradh mar thagraiche airson an Taghadh Choitchinn air an 8mh là den Ògmhios. Tha an ùine airson tagradh a' tighinn gu ceann aig 4:00f. Tha an SNP, na Tòraidhean, na Làbaraich agus na Libearalaich Dheamocratach a' cur tagraiche sa h-uile roinn an Alba, 59 dhiubh uile gu lèir. Chan eil na h-uainich a' seasamh ach ann an trì roinnean an Alba an turas seo, agus tha UKIP an dòchas gum bi còrr is deichnear thagraichean acasan ro dheireadh an là.

Poileas Alba

Chaidh innse do bhuill an am Pàrlamaid na h-Alba nach eil cathraiche na buidhne a tha os cionn Phoileas na h-Alba fut air a bhith anns an dreuchd. Thuirt tè a bha air bòrd Ùghdarras Phoileas na h-Alba, gus an do leig i dhith a dreuchd, Moi Ali, gu bheil i den bheachd gun robh an cathraiche, Anndra Flannigan, ri burraidheachd na h-aghaidh.

Na Stàitean Aonaichte

Dh'iarr Seanadairean anns na Stàitean Aonaichte a-rithist air Mìcheal Flynn, a bha os cionn tèarainteachd dhan Cheann-Suidhe Trump, pàipearan a thoirt dhaibh anns a bheil fiosrachadh mu chòmhraidhean ris an Ruis. Dhiùlt Mgr Flynn sin a dhèanamh nuair a chaidh iarriadh air bho chionn cola-deug.

BT

Tha BT a' gearradh 4,000 cosnadh bho roinn na companaidh a tha a' dèiligeadh ri obair ann an dùthchannan eile, agus a' gearradh pàigheadh am measg cheannardan na buidhne. Dh'innis BT an-diugh gun do thuit prothaidean, ro chìsean, mu 20% air a' bhliadhna gu deireadh a' Mhàirt.

RBS

Tha a h-uile dùil gun tèid ceistean cruaidh air ceannardan aig coinneimh bhliadhnail Bhanca Rìoghail na h-Alba ann an Dùn Èideann an-diugh. Buinidh faisg air trì chairteal den bhanca dhan stàit fhathast, agus tha a h-uile coltas ann gum bi luchd-earrainn a' ceasnachadh a' bhùird mu phlanaichean airson bancaichean ionadail a dhùnadh, agus mu ìre phàighidh agus bònasan do cheannardan.