Beachdan air Gàidhlig Stafainn

  • 11 An Cèitean 2017
Stafainn

Nochd muinntir Stafainn an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich am beachdan aig coinneimh mu staid na Gàidhlig san sgìre oidhche Chiadain.

Am measg na chaidh a thogail airson togail a thoirt don chànan, bha taighean aig prìsean reusanta airson teaghlaichean òga a chumail anns an sgìre, agus ceangal nas motha eadar a' Ghàidhlig agus gnìomhachas na turasachd.

'S iad a' bhuidheann rannsachaidh Soillse a chuir a' choinneamh air dòigh.

Tha Soillse a' cumail sreath de choinneamhan poblach an-dràsta air an dòigh sa bheil coimhearsnachdan a' faicinn na Gàidhlig sna sgìrean aca fhèin.

Taigheadas

"Tha mise gam mheas fhìn mar thè gu math fortannach, oir gu bheil mi a' fuireach air an taobh sear," thuirt Sìne Gilleasbuig a bh' aig a' choinneimh.

"Air sgàth 's gu bheil fìor dheagh Ghàidhlig ga bruidhinn an seo.

"Gu h-àraidh aig na daoine a tha os cionn 50 bliadhna de dh'aois.

"'S e an fhìrinn a tha sin. Tha a' Ghàidhlig acasan gu math siubhlach.

"Ach chan eil sin ri ràdh nach eil tòrr obair mhath, agus obair mhòr, a' dol air adhart leis a' ghinealach òg anns na sgoiltean agus anns an sgìre an ceann a tuath an eilein.

"Tha sinn mothachail gu bheil sinn air daoine a chall gu Port Rìgh, leis nach d' fhuair iad taighean, agus gu bheil teaghlaichean ann am Port Rìgh às an sgìre seo fhèin.

"Nise tha sinn a' feuchainn, le Urras an Taobh Sear, ri taighean a thogail do theaghlaichean òga, agus gum bi na daoine sin air an tàladh air ais dhan sgìre seo.

"Agus cuideachd tha obraichean gu math cudromach.

"Saoilidh mi nach eil na daoine nas sine anns an sgìre seo a' tuigsinn cho àlainn 's a tha a' Ghàidhlig aca.

"Saoilidh mi gum biodh e math dha-rìribh nan dèanadh iad oidhirp ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig ris an òigridh, oir cuidichidh sin iad gu mòr.

"Saoilidh mi gu bheil lèirsinneachd na Gàidhlig cudromach, agus saoilidh mi uaireannan gu bheil sinn air a bhith caran slaodach ann a bhith a' faicinn sin.

"Oir chan eil e na shamhla fhìor air staid na Gàidhlig ann an coimhearsnachd.

Harry Potter

"Mar eisimpleir, ma thèid thu dhan bhùth an seo, cluinnidh tu Gàidhlig a h-uile là.

"Ach taobh a-muigh na bùtha 's dòcha nach eil soidhne ann a tha a' dèanamh sin soilleir.

"Agus bidh mise a' toirt tòrr lioftaichean do luchd-turais.

"Gu math tric chan eil iad nas sine na 21. Eòrpaich òga, agus Aimeireaganaich, is daoine às air feadh an t-saoghail - agus tha fhios aca mu dheidhinn Gàidhlig.

"Tha iad a' faighneachd a bheil Harry Potter ri fhaotainn anns a' Ghàidhlig.

"Tha iad a' dol a-steach dhan bhùth leabhraichean ann am Port Rìgh a' faighneachd airson Harry Potter tro mheadhan na Gàidhlig, agus dùil aca gum faigh iad e.

"Nis, tha iadsan mothachail gu bheil cànan eile againn ann an seo.

"Saoilidh mi nach eil sinn a' dèanamh gu leòr dhaibhsan," thuirt i.