Ionad turasachd a' fosgladh às ùr ann an Cataibh

  • 11 An Cèitean 2017
Ionad Turasachd Eas Shìn
Image caption Chaidh "Harrods a' Chinn a Tuath", mar a bhathas a' gabhail air, a mhilleadh le teine ann an 2013.

Fosglaidh ionad turasachd ùr ann an Cataibh gu h-oifigeil aig deireadh na seachdain.

Chaidh an t-ionad ùr aig Eas Shìn, faisg air an Luirg, a thogail às dèidh do theine sgrìos a dhèanamh air an t-seann ionad o chionn ceithir bliadhna.

Tha e air a ruith le buidhinn coimhearsnachd, agus iad an dòchas gum bi cosnaidhean cudromach ri fhaighinn a dh'aithghearr.

Chaidh an t-ionad ùr a thogail san dearbh àite san robh an seann togalach, air fearann a bhuineas don fhear-gnothachais ainmeil, Muhammed Al-Fayed.

Eas Shìn

Beagan bhliadhnaichean air ais, bha 20 duine ag obair san ionad turasachd aig Eas Shìn, ach chaill iad uile an obraichean nuair a chaidh an togalach na theine.

Thathar den bheachd gur e rudeigin co-cheangaile ris an dealain a dh'adhbharaich an teine agus, às dèidh dha tachairt, roghnaich Urras Leasachaidh Chaolas Chataibh togalach a thogail às ùr air an aon làraich.

Chuir iad air dòigh iomairt gus airgead a chruinneachadh is planaichean a dhealbh. Thòisich an obair-togail san t-Sultain an-uiridh.

Tha Eas Shìn a' tàladh mìltean de luchd-turais gach bliadhna, agus tha slighe coiseachd ainmeil cuideachd san sgìre, air bruaichean na h-aibhne.

Goireasan

Bho thaobh turasachd, bha e cudromach gun deadh an togalach fhosgladh às ùr, ach bho thaobh na coimhearsnachd ionadail, bha e a' cheart cho cudromach obraichean ùra a chruthachadh.

Chaidh Urras Leasachaidh Chaolas Chataibh a chur air chois a dh'aona-gnothaich airson feuchainn ri obraichean agus pròiseactan ùra a stèidheachadh san sgìre.

Am measg ghoireasan an ionaid, tha bùth, àite-bìdhe, raon-cluiche do dh'òigridh agus talla a bhiodh freagarrach airson chonsairtean is chuirmean-ciùil.

Leis an togalach ga fhosgladh gu h-oifigeil Disathairne, thuirt Valerie Houston, Oifigear Leasachaidh a' phròiseict, gu bheilear glan air an dòigh an ìre seo a ruighinn agus gu bheil iad a' coimhead air adhart gu mòr cothrom a thoirt dhan choimhearsnachd a thighinn còmhla gus na goireasan ùra fhaicinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo