Soirbheachas do dh'Fhèis Eilean na Hearadh

  • 11 An Cèitean 2017
Fidheall

Chaidh aig Fèis Eilean na Hearadh air barrachd airgid na bha iad an dùil a thrusadh nan iomairt airson ionnsramaidean-ciùil a cheannach.

Chaill iad mòran de na h-ionnstramaidean aca san teine a bh' ann am factaraidh ann an Scalpaigh bho chionn ghoirid.

Chuir iad iomairt air-loidhne air bhonn, le dòchas £4,000 a thogail, agus chaidh dhaibh gu math na b' fheàrr na bha dùil.

Cobhair

Cha robh fios dè bha fa-near dha Fèis Eilean na Hearadh am-bliadhna às dèidh an teine.

Rinn am mòr-shluagh cobhair air an Fhèis ge-tà.

Chuir iad iomairt air dòigh gus £4,000 a chruinneachadh, ach an dèidh seachdain, bha iad air £4,400 fhaighinn.

A thuilleadh air an sin, tha daoine eile air ionnsramaidean-ciùil a thabhann dhaibh.

Tha seo a' ciallachadh gun tèid an fhèis air adhart gun dhuilgheadas sam bith agus dùil ri còrr is 100 òganach aig toiseach an Iuchair airson na diofar chlasaichean a fhrithealadh.

Thuirt Rhoda Chaimbeul bhon Fhèis nach robh càil a dhùil aca gun soirbhicheadh leòtha cho math, cho luath.

Tuilleadh air an sgeulachd seo