Dreach den mhanifesto Làbarach ga sgaoileadh gun chead

  • 11 An Cèitean 2017
Jeremy Corbyn Image copyright PA

Chaidh dreach de mhanifesto nan Làbarach a leigeil ma sgaoil gun chead, air thoiseach air nuair a bha còir aige nochdadh an ath-sheachdain.

A rèir an dreach a chunnaic am BBC, tha na Làbaraich an dùil gealltainn gun toir iad seirbheis na rèile agus am Post Rìoghail air ais dhan roinn phoblaich, agus gun cuireadh iad às de chìsean oileanach ann an Sasainn.

Tha gealltanas ann cuideachd cìs a chur air companaidhean aig a bheil mòran luchd-obrach air pàigheadh àrd.

Thuirt na Làbaraich nach beachdaich iad air càil a chuireadh ma sgaoil gun chead.

Thèid am pàipear deireannach air manifesto nan Làbarach fhoillseachadh an ath-sheachdain, ach tha dùil gun cuir am pàrtaidh an ainm ris an dreach sin dheth Diardaoin.

Tha an Daily Telegraph, an Daily Mirror agus am BBC air leth-bhreac dheth fhaicinn mar-thà ged-tà, a chaidh a leigeil ma sgaoil gun chead.

Molaidhean

Anns an leth-bhreac a tha am BBC air fhaicinn, tha moladh ann cuir às do chìsean nan oileanach ann an Sasainn, na loidhnichean-rèile a thoirt air ais dhan roinn phoblaich agus casg a chur air fracadh.

Tha moladh sa phàipear cuideachd gum bu chòir aon chompanaidh cumhachd a bhith fo smachd na roinne poblaich anns a h-uile roinn den Rìoghachd Aonaichte.

Tha gealltanas a bharrachd air sin an aois bhòtaidh a lùghdachadh gu 16 bliadhna de dh'aois agus cìsean àrdachadh dhan fheadhainn as motha a tha a' cosnadh sa choimhearsnachd.

Tha seo air tighinn dhan fhollais agus Ceannard nan Lib-Deamach ann an Alba, Uilleam Rennie, ag iarraidh tuilleadh airgid a chosg air slàinte agus foghlam ann an Alba.

Bidh Ceannard an SNP, Nicola Sturgeon, a' bruidhinn mu shuidheachadh shaoranach an EU ann an Alba às dèidh Bhrexit agus tha am Pàrtaidh Tòraidheach ag ràdh gum bi am fòcas acasan ann an Alba Diardaoin air a bhith a' cumail smachd air Riaghaltas na h-Alba aig àm Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir ann am Pàrlamaid na h-Alba.