Ceistean mun dàil ann an subsadaidhean
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Chaidh ceistean a thogail mun dàil ann an subsadaidhean àiteachais

10 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh càineadh a' dhèanamh air co-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba gun làn-aithisg fhoillseachadh mu na trioblaidean IT a dh'adhbhraich dàil mhòr ann an subsadaidhean àiteachais.

Cha deach ach gheàrr-chunntas a thoirt dhan fhollais.

Thuirt Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail, Fearghas Ewing nach eil an làn-aithisg buileach deiseil fhathast agus gu bheil fiosrachadh innte mu na laigsean IT, a dh'fhaodadh an siostam fhàgail fosgailte ri ionnsaighean air-loidhne.