Co-bhanntachd aig Comhairle na Gàidhealtachd

  • 10 An Cèitean 2017
Comhairle na Gàidhealtachd

'S e co-bhanntachd eadar na Neo-Eisimeilich, na Lib-Deamaich agus na Làbaraich a bhios a' ruith Chomhairle na Gàidhealtachd.

Thuirt ceannard nan Neo-Eisimeileach, Mairead NicDhàibhidh, gun cruthaich an aonta buidheann riaghlaidh sheasmhach, mhaireann, a riaraicheas mòran luchd-bhòtaidh air feadh na Gàidhealtachd.

Tha 28 buill Neo-Eisimeileach, 22 aig an SNP, 10 aig na Lib-Deamaich, 10 aig na Tòraidhean agus 1 aig na h-Uainich.

Bha Neo-Eisimeilich a' riaghladh le beag-chuid sa Chomhairle a bh' ann, ged a bha iad a' faighinn taic bho bhuidhinn an SNP.

Thuirt comhairlichean an SNP gum faodadh iad fhèin is na Neo-Eisimeilich a bhith air buidheann riaghlaidh làidir a stèidheachadh, is gur e briseadh-dùil mòr a th' ann dhaibh nach d' fhuair iad cothrom a dhol ann an co-bhann.

Bha cuid de na comhairlichean neo-eisimeileach air innse mar-thà nach robh iad 'son a bhith a' riaghladh còmhla ris an SNP.

Bha comhairlichean an SNP air leigeil fhaicinn nach rachadh iad ann an co-bhanntachd leis na Tòraidhean, is na Lib-Deamaich air innse nach obraicheadh iadsan leis an SNP air neo na Tòraidhean.