Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Comey

Tha nàimhdean Dhòmhnaill Trump a' fàgail air gu bheil e a’ feuchainn ri cuir às do fhianais na aghaidh le ceannard an FBI, Seumas Comey, a chur e às an dreuchd gun rabhadh sam bith. Fhuair Mgr Comey fios ann an litir a chaidh a toirt dha nuair a bha e ann am meadhan òraid do luchd-obrach ann an Los Angeles. Bha Mgr Comey os cionn an rannsachaidh mu chasaidean gu robh ceanglaichean eadar iomairt-taghaidh a' Chinn-suidhe Trump agus an Ruis. Tha an Taigh Geal a' cumail a-mach gur e droch làimhseachadh an rannsachaidh mu phuist-dealain Hillary Clinton, a rinn Seumas Comey, is coireach gun do chaill e obair.

Aonta

Thèid 800 cosnadh a chall le aonta eadar dhà de na companaidhean ionmhas as motha ann an Alba, Standard Life agus Aberdeen Asset Management. Thèid cead luchd nan earrainnean airson na h-aonta iarraidh ro dheireadh an t-samhraidh.

Boireannaich

Tha rannsachadh a rinn am BBC ag ràdh gu bheil eucoraich air taobh sear na h-Eòrpa a' cur bhoireannach a dh'Alba far a bheil brath dha ghabhail orra ann an gnìomhachas na feise agus airson pòsadh fuadan. Tha mòran dhiubh gan reic ri gràisgean eucuoir Àisianach ann an Glaschu. Tha a' bhuidheann poileas Eòrpach, Europol, ag ràdh gu bheil na h-eucoraich ag amas air Alba gu sònraichte.

Fireannach a dhìth

Tha sgiobannan teasairginn a' coimhead airson duine a thuit far clàr-ola anns a' Chuan a Tuath a-raoir, mu 90 mìle an ear air Sealtainn. Bha an duine, a tha 49, ag obair dhan chompanaidh Noble, a tha a' ruith a chlàir-ola do Statoil ann an Raon Mariner. Chaidh fios air na seirbheisean èiginn aig 9:30f a-raoir nach robh sgeul air an duine air a' chlàr.

Comhairlean

Tha buidheann an SNP air Comhairle na Gàidhealtachd a' fàgail air na Neo-Eisimeilich nach tug iad àite dhaibh anns na còmhraidhean mu bhuidhinn-riaghlaidh. Tha na Nàiseantaich ag ràdh gun do rinn na Neo-eisimeilich, a’ bhuidheann as motha sa Chomhairle, co-bhanntachd mar-thà leis na Lib-Deamaich agus na Làbaraich. Tha na Neo-eisimeilich a' cumail a-mach gu bheil na còmhraidhean a' dol air adhart fhathast.

Agus tha comhairlichean an SNP air Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum feuch iadsan ri buidheann-riaghlaidh a stèidheachadh ged nach eil mòr-chuid aca.