Rabhadh mu dhotairean teaghlaich às dèidh Bhrexit

  • 10 An Cèitean 2017
Dotair a' sgrùdadh bruthadh na fala Image copyright PA

Chaidh rabhadh a thoirt seachad gum faodadh Alba còrr air 220 dotair teaghlaich a chall às dèidh Bhrexit, mura faigh iad cead fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte.

Tha Colaiste Rìoghail nan Dotairean Teaghlaich air iarraidh air gach pàrtaidh poileataigeach gealltanas a thoirt seachad ron taghadh choitcheann gum faigh luchd-medigeach às an EU, a th' air a bhith ag obair am Breatainn, cead fuireach anns an dùthaich.

Tha an àireamh de dhotairean teaghlaich ann an Alba air tuiteam thairis air a' cheithir bliadhna mu dheireadh, le 90 dotair teaghlaich nas lugha ann an-diugh.

Tha beachd air nochdadh cuideachd gum bi 800 a bharrachd a dhìth air Alba ron bhliadhna 2021.

Sin an t-adhbhar a tha Colaiste Rìoghail nan Dotairean Teaghlaich ag iarraidh air an ath riaghaltas aig Westminster co-dhùnadh gum faod dotairean teaghlaich às an EU, a tha ag obair an seo, fuireach anns an dùthaich.

Cunnart

Tha iad ag ràdh gu bheil 226 dotair teaghlaich às an EU ann an Alba, agus gum faodadh euslaintich a bhith ann an cunnart nam biodh aca ri falbh.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun cosg iad leth-bhillean Not a bharrachd air ionadan dotaireachd is slàinte thairis air an ath cheithir bliadhna, agus tha iad ag ràdh gu bheil e deatamach gun tèid na dotairean a th' ann a chumail agus gun tèid feadhainn ùra fhaighinn cuideachd.

Thuirt Rùnaire Slàinte na h-Alba, Shona Robison: "Tha a' mhì-chinnt mu thimcheall an Rìoghachd Aonaichte a bhith a' fàgail an EU air mòran dhùbhlan adhbharachadh a thaobh a bhith a' planadh airson àm ri teachd an NHS.

"Cha ghabh luach gu leòr a chur air an obair a tha daoine às an EU agus an EEA (Ceàrn Eaconamach na h-Eòrpa) air a bhith a' dèanamh. Tha dotairean, nursaichean agus luchd-cùraim bho air feadh na Roinn Eòrpa a' cuideachadh gus luchd-obrach a chumail nar n-ionadan dotaireachd, nar n-ospadalan agus nar dachaighean-cùraim."