"Co-bhanntachd sheasmhach gu maith na Gàidhealtachd"

  • 11 An Cèitean 2017
Comhairle na Gàidhealtachd

Thèid iarraidh air Comhairle ùr na Gàidhealtachd an ath-sheachdain gabhail ri Mairead NicDhàibhidh mar cheannard na Comhairle.

Tha ise aig ceann buidhne nan Neo-Eisimeileach, a bhios a-nis a' riaghladh ann an co-bhann leis na Làbaraich agus na Lib-Deamaich.

'S e an Lib-Deamach, Alasdair Christie, a thathas a' moladh mar Leas-Cheannard.

Thuirt iad gur e co-bhanntachd sheasmhach, mhaireannach a bhios annta.

Nochd buidheann an SNP air a' chomhairle mì-thoileachas Diciadain nach deach bruidhinn riuthasan mu bhith a' riaghladh leis na Neo-Eisimeilich agus iad mar an dàrna buidheann as mòtha air a' Chomhairle.

Thuirt an Comhairliche Neo-Eisimeileach, Alasdair MacFhionghain, a bha an sàs anns na còmhraidhean sna beagan làithean a dh'fhalbh: "Tha sinne mar bhuidheann neo-eisimeileach, tha sinn gu bhith ag obair còmhla ris na Làbaraich 's na Lib-Deamaich agus tha sinn a' coimhead air adhart ri sin."

Seasmhachd

Thuirt e gu bheileas den bheachd gum bi e math do roinn na Gàidhealtachd gum bi seasmhachd anns sna còig bliadhnaichean a tha romhainn.

A rèir Mhgr MhicFhionghain, bha còmhraidhean eadar na Neo-Eisimeilich agus na buidhnean Nàiseantach agus Tòraidheach, ach aig a' cheann thall, gun do roghnaich iad a dhol ann an co-bhanntachd leis na Làbaraich agus na Lib-Deamaich.

A thaobh amasan na Comhairle ùire, thuirt e gu bheil còmhraidhean air tòiseachadh ach nach deach an t-slighe air adhart no poileasaidhean sam bith aontachadh gu ruige seo.

"Bidh mòran dhuilgheadasan romhainn a thaobh airgid is eile, mar a thuirt mi iomadach uair roimhe, ach tha mi a' smaoineachadh gum bi cothroman ann cuideachd a bhith a' dèanamh rudan an an dòigh gu tur eadar-dhealaichte," thuirt e.

Thathas misneachail gum bi a' cho-bhanntachd maireannach agus gu maith roinn na Gàidhealtachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo