Leasachadh aig caladh Loch Baghasdail

  • 11 An Cèitean 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Chaidh inneal-togail ùr a steidheachadh aig caladh Loch Baghasdail.

Chan fheum iasgairean agus seòladairean feitheamh ri muir-làn tuilleadh airson bàta a thoirt às an uisge ann an Loch Baghasdail an Uibhist a Deas.

Gabhaidh sin a dhèanamh a-nis le inneal-togail ùr aig a' chaladh.

'S e an aon inneal den t-seòrsa sna h-Eileanan an Iar agus tha e coltach gu bheil bàtaichean a' dol a dh'Uibhist a dh'aona-ghnothaich nuair a thathas airson sùil a thoirt orra.

Seirbheis ùr

Bho seo a-mach, cha toir e ach beagan mhionaidean bàta a chur dhan uisge neo a togail a-mach às aig caladh Loch Baghasdail.

Le taic-airgid bho Mhaoin nan Coimhearsnachdan Cladaich, tha uidheamachd ùr aig a' chaladh airson an obair sin a dhèanamh agus cha chuir tràigh no muir-làn bacadh air.

Mhìnich manaidsear a' phùirt, Dòmhnall Eàrdsaidh MacMhuirich, gun robhar ag amas air seirbheis ùr, nach robh ri fhaotainn sna h-Eileanan roimhe, a thoirt dha na h-iasgairean.

Chan b' ann a-mhàin do dh'iasgairean Loch Baghasdail a bha seo ge-tà, ach do dh'iasgairean "à ceann Bharraigh suas gu Leòdhas" agus iomadach àite eile.

Dh'innis Mgr MacMhuirich gun tog an t-inneal bàta sam bith a tha suas ri 20 tunna de chuideam agus nach eil an t-seirbheis ro chosgail.

Sgiobalta

Gu h-àbhaisteach, mun àm seo den bhliadhna, bidh mòran a' toirt nam bàtaichean air tìr airson an glanadh agus am peantadh.

Leis an inneal ùr seo, gabhaidh an obair sin a dhèanamh gu sgiobala agus sàbhailte agus a reir choltais, tha e air aire iasgairean agus seòladairean bho àiteachan eile a ghlacadh mar-thà.

"Chan eil na h-iasgairean a' call ùine mar a b' àbhaist dhaibh idir," dh'innis Mgr MacMhuirich.

Thuirt e gun tàinig iacht a-null à Mallaig a dh'aona-ghnothaich gus an deadh a togail, a glanadh agus a peantadh, 's gun robh an criutha air ais aig muir an ath là.

Thuirt e cuideachd gu bheilear air grunn iarrtasan fhaighinn à Leòdhas is eile.