Gealltanas do dh'iasgairean na h-Alba

  • 10 An Cèitean 2017
Bàtaichean-iasgaich Image copyright Getty Images

Tha Riaghaltas Bhreatainn air dearbhachd a thoirt do dh'iasgairean gun cuir iad às dhan chuid as miosa de Phoileasaidh Choitcheann an Iasgaich (CFP) an dèidh Bhrexit.

Thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd, Andrea Leadsom, "nach deach co-dhùnadh sam bith a dhèanamh fhathast" air an ìre gun deadh an CFP a cheangail a-steach ri laghan Bhreatainn.

Ach gheall i gun "cuireadh i às do na prìomh eileamaidean" anns a bheil daoine "a' cur as motha de dhìmeas".

Chan eil am poileasaidh air a bhith air a mheas gu fàbharach am measg iasgairean Albannach, buidheann anns an do chuir mòr-chuid taic ri Brexit.

Tha iasgairean feargach mu ghnothaichean leithid chuotathan èisg agus mu dhiofar chabhlaich Eòrpach a' faighinn nan aon cheadan riuthasan ann an uisgeachan na h-Alba.

An an litir gu Caidreachas Iasgairean na h-Alba (SFF), sgrìobh Ms Leadsom: "Tha e riatanach gun gabh sinn an cothrom siostam-riaghlaidh a leasachadh airson an iasgaich a bhios nas fhreagarraiche airson ar n-uisgeachan agus ar gnìomhachasan,"

Thuirt i cuideachd, aig àm nuair a tha an Rìoghachd Aonaichte a' fàgail an EU, gun "coimhead sinn ri cur às dha na prìomh eileamaidean de Phoileasaidh Choitcheann an Iasgaich anns a bheil daoine a' cur as motha de dhìmeas agus nach eil ag obair airson an RA mar stàit chladaich".

Bhiodh seo a' gabhail a-steach an t-siostam-riaghlaidh airson chuotathan èisg an EU a stèidheachadh, agus còraichean bhataichean Eòrpach airson a bhith ag iasgach ann an uisgeachan Bhreatainn.

Thuirt Ms Leadsom gu bheil an Riaghaltas airson "dèanamh cinnteach gu bheil làn-smachd aca air uisgeachan na RA nuair a dh'fhàgas sinn an EU".