Sgrùdadh mu Ionad Spòrs Shlèite

  • 10 An Cèitean 2017
Sabhal Mòr Ostaig Image copyright John Allan/Geograph

Tha Sabhal Mòr Ostaig air sgrùdadh iomchaidheachd a chur an sàs airson ionad spòrs ùr a thathas a' moladh an lùib an leasachaidh leantainnich aig baile ùr na Cille Bige ann an Slèite.

Thèid an sgrùdadh a dhèanamh leis na h-eòlaichean spòrs, Alan Jones Associates, sa cholaiste ag ràdh gu bheil cruaidh-fheum aig ceann a deas an Eilein Sgitheanaich air leithid de ghoireas.

"Tha seo air a bhith sa phlana againn o thùs, agus leis a' cholaiste a-nis còrr is 40 bliadhna de dh'aois, cha robh riamh cothrom cho math seo againn airson ghoireasan spòrs is cur-seachad," thuirt stiùiriche na h-oighreachd agus na colaiste aig SMO, Dòmhnall Angaidh MacIllInnein.

"Oir tha coimhearsnachd Shèite an seo mun cuairt oirnn, a bharrachd air a' cholaiste a' fàs, agus tha còrr is 1,000 neach a' fuireach an seo.

"'S e gainnead a th' ann nach eil a leithid againn.

"So tha a' cholaiste a' dol an sàs, agus tha sinn air làrach a chomharrachadh an seo taobh a-staigh làrach na colaiste fhèin far am faodadh raon-cluiche agus togalach le gym agus àiteachan cruinneachaidh agus ullachaidh 's an leithid a bhith ann.

"Tha sinn am beachd sin a chur an sàs, ach mar a tha fhios aig a h-uile duine, feumar an toiseach sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air feumalachdan agus dè tha comasach, agus an uair sin a dhol an sàs le cruinneachadh an airgid.

"Tha ceithir mìosan romhainn de rudan gu math mionaideach far a bheil sinn ag obair leis a' chompanaidh a tha seo, agus sinn air airgead fhaighinn tro Chomhairle na Gàidhealtachd, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, agus an Crannchur Nàiseanta.

"Tha sinn an dùil an ceann ceithir mìosan gum bi planaichean gu math mionaideach againn a tha a' sealltainn dè dìreach a tha comasach, dè tha iad a' dol a chosg, agus gum bi sinn deiseil an uair sin airson a dhol air adhart le planaichean agus iarrtasan airgid," thuirt e.

'S ann airson na coimhearsnachd air fad, a thuilleadh air oileanaich agus luchd-obrach na colaiste, a bhios an t-ionad spòrs.