Buidheann-riaghlaidh air fàire sna h-Eileanan Siar?

  • 10 An Cèitean 2017
Comhairle nan Eilean Siar

Tha comhairlichean an SNP anns na h-Eileanan an Iar am beachd feuchainn ri buidheann-riaghlaidh a stèidheachadh air a' Chomhairle ùir.

Ged nach eil mòr-chuid aca dhaibh fhèin, tha iad an dòchas gum biodh comhairlichean eile deònach obrachadh còmhla riutha.

Tha mì-chinnt mhòr ann mu cò gheibh cuid de na dreuchdan àrda air a' Chomhairle, agus grunn den fheadhainn a bha roimhe anns na dreuchdan as cudromaiche gun tilleadh chun na Comhairle san taghadh.

Chan eil boireannach sam bith am measg nan comhairlichean a chaidh a thaghadh.

'S iad buill neo-eisimeilich as motha a th' air a' Chomhairle, le 23 buill.

Tha an SNP air an dàrna buidhinn as motha, le 7 buill.

Airson a' chiad uair riamh chaidh aon bhall Tòraidheach a thaghadh dhan Chomhairle.

Tuilleadh air an sgeulachd seo