Chan eil cur geall glè bhitheanta - Jack Ros

  • 10 An Cèitean 2017
Lewis Horner Image copyright SNS
Image caption Tha Lewis Horner aig ICT fo chasaid gun do chur e còrr is 300 geall air ball-coise.

Thuirt manaidsear St Mirren, Jack Ros, nach eil cur geall glè bhitheanta ann am ball-coise na h-Alba, ach gu bheil daoine ann a bhriseas na riaghailtean.

Tha Ros, a chaidh ainmeachadh Diciadain mar mhanaidsear na mìos is e air St Mirren a chumail san Championship, ag ràdh gu bheil cluicheadairean feumach air stiùireadh a bharrachd a thaobh seo agus gnothaichean eile.

Bha e a' bruidhinn is cùisean ùra air nochdadh an t-seachdain seo.

Tha Lewis Horner aig Caley Thistle fo chasaid gun do chur e 353 geall air ball-coise, trì an aghaidh na sgioba aige fhèin.

Tha e fo chasaid gun robh 343 dhiubh ann air an t-seusan seo agus aon dhiubh gun cailleadh Caley Thistle.

Chluich Horner airson Inbhir Nis mu dheireadh san Dùbhlachd.

Thuirt Caley Thistle gun robh Horner air innse dhaibh gu bheil trioblaid aige le cur geall is gun do dh'iarr e taic phroifeiseanta roimhe.

Thuirt iad gu bheil Horner glè dhuilich gu bheil e air fhèin is Caley Thistle a nàrachadh.

Dh'innis an cluba gu bheil a' chùis na briseadh-dùil dhaibh, ach gu bheil Horner a' co-obrachadh leotha is gun toir iad dha a h-uile taic as urrainn dhaibh.

Aig an aon àm, chuir an SFA Cathraiche Annan Athletic, Henry McClelland, fo chasaid gun do chuir e còrr is 4,000 geall air ball-coise, còrr is 400 co-cheangailte ri sgioba Annan.