Iomairt daltachd anns na h-Eileanan an Iar

  • 10 An Cèitean 2017
Pàisde is teadaidh

Thathas ag iarraidh air daoine anns na h-Eileanan an Iar beachdachadh air a dhol an sàs ann an daltachd.

Tha iomairt shònraichte a' dol an-dràsta 'son aire dhaoine a tharraing air a' chùis.

Mairidh an iomairt cola-deug is e ag amas air cothrom a thoirt do dhaoine barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu dheidhinn daltachd.

Anns na h-Eileanan an Iar fhèin tha feum air tuilleadh luchd-cùraim airson is nach tèid clann às an sgìre a chur gu Tìr-Mòr.

Aig an ìre seo tha ochdnar ga dhèanamh anns na h-Eileanan.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum b' fheàrr leotha barrachd.

Dh'innis iad gu bheil trèanadh is pàigheadh ann, is gu bheil buannachdan gu leòr eile an lùib na cùise.

"Tha tòrr dhaoine a tha a' smaoineachadh gum feum iad a bhith rudeigin sònraichte, ach an rud a tha feum againn air 's e daoine a tha ag iarraidh a bhith ag obair còmhla ri cloinn agus teaghlaichean", thuirt Anndra MacAmhlaigh bho Roinn Shòisealta Comhairle nan Eilean Siar.

"Mura h-eil seirbheisean againn anns na h-Eileanan, bidh feum againn coimhead nas fhaide air falbh gu Tìr-Mòr.

"Tha e math clann a chumail sa choimhearsnachd aca fhèin, tha feum mòr ann san dòigh sin", thuirt e.

Dh'iarr Mgr MacAmhlaigh air duine sam bith aig a bheil ùidh sa chùis a thighinn a bhruidhinn ris a' Chomhairle.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile