Connspaid aig Comhairle na Gàidhealtachd

  • 10 An Cèitean 2017
Comhairle na Gàidhealtachd

Tha buidheann an SNP aig Comhairle na Gàidhealtachd a' fàgail air na Neo-Eisimeilich nach tug iad àite dhaibh anns na còmhraidhean mu bhuidhinn-riaghlaidh.

Sgaoil na Nàiseantaich brath is iad ag ràdh gu bheil na Neo-Eisimeilich air aontachadh a dhol ann an co-bhanntachd leis na Lib-Deamaich is na Làbaraich.

Tha 28 buill Neo-Eisimeileach, 22 aig an SNP, 10 aig na Lib-Deamaich, 10 aig na Tòraidhean agus 1 aig na h-Uainich.

Thuirt comhairlichean an SNP gum faodadh iad fhèin is na Neo-Eisimeilich a bhith air buidheann-riaghlaidh làidir a stèidheachadh, is gur e briseadh-dùil mòr a th' ann dhaibh nach d' fhuair iad cothrom.

Bha Neo-Eisimeilich a' riaghladh sa Chomhairle a bh' ann, ged a bha iad a' faighinn taic bho bhuidhinn an SNP.

Cha tàinig dearbhadh fhathast bho na buidhnean eile a bheil gus nach eil iad air tighinn gu aonta, ach thuirt na Neo-Eisimeilich gun robh iad a' bruidhinn ris a h-uile buidheann a th' ann.

Bha cuid de na comhairlichean neo-eisimeileach air innse mar-thà nach robh iad 'son a bhith a' riaghladh còmhla ris an SNP.

Bha comhairlichean an SNP air leigeil fhaicinn nach rachadh iad ann an co-bhanntachd leis na Tòraidhean, is na Lib-Deamaich air innse nach obraicheadh iadsan leis an SNP air neo na Tòraidhean.

Tha dùil gun tig fios cinnteach Diciadain dè an cruth a bhios air a' bhuidhinn-riaghlaidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile