Fàilte air luchd-turais an Inbhir Ghòrdain
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Eaglais an Inbhir Ghòrdain a' cur fàilte air luchd-turais agus seòladairean

9 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha eaglais ann an Inbhir Ghòrdain air a dorsan fhosgladh do luchd-turais shoithichean mòra a tha a' tadhal air a' bhaile as t-samhradh.

Tha ministear agus coitheanal Eaglais na h-Alba a' toirt biadh is deoch dha luchd-turais agus tha iad a' toirt cothrom dha na seòladairean a dhol air-loidhne greiseag bheag.

Agus cha bheag an àireamh a thàinig air tìr an-diugh - mu 7,000 eadar dà shoitheach.

Le tuilleadh seo Alasdair MacLeòid.