Boyce toilichte an Inbhir Pheofharain

  • 9 An Cèitean 2017
Liam Boyce Image copyright SNS
Image caption Chuir Liam Boyce 4 tadhail dha Ross County an aghaidh Inbhir Nis air a' mhìos seo chaidh.

Thuirt Liam Boyce aig Ross County gu bheil e toilichte ann an Inbhir Pheofharain is aithrisean ann gu bheil clubaichean eile a' cumail sùil air.

Tha Boyce, a bhuineas dha Béal Feirste, air 20 tadhal a chur sa Phrìomh Lìog air an t-seusan seo.

Thàinig 6 dhiubh anns na 5 geamaichean mu dheireadh aige, na tadhail air fad aige an oidhche a thug Ross County pronnadh 4-0 air Caley Thistle.

Tha na tadhail sin air duais chluicheadair na mìos a choisinn dha.

Thuirt manaidsear Èireann a Tuath, Mìchael O'Neill, an t-seachdain seo chaidh gu bheil "ùidh mhòr mhòr" ann am Boyce bho chlubaichean ann an Alba is Sasainn.

Tha bliadhna air fhàgail air cùmhnant Boyce aig County is tha e a' cumail a-mach nach eil e a' toirt feart sam bith dha na h-aithrisean a tha ga cheangal ri clubaichean eile.

"Tha mi a' feuchainn gun a bhith a' smaointinn air sin idir, tha mi dìreach toilichte a bhith seo", thuirt Boyce.

Image copyright SNS
Image caption Boyce le breab-peanais an aghaidh Inbhir Nis.

"Tha mi a' feuchainn ris a chur an dàrna taobh is ri cumail orm mar a tha mi air a' phàirc", thuirt e.

Thòisich Boyce le Cliftonville ann am Béal Feirste far an do ghlac e aire Werder Bremen.

Cha do rinn e a' chùis sa Ghearmailt is thill e dhachaigh a Chliftonville, far an do thòisich na tadhail a' frasadh a-steach a-rithist.

Tha Boyce ag ràdh gu bheil e taingeil dha Ross County gun tug iad cothrom eile dha an uairsin.

"Bha mi sa Ghearmailt is chaidh mi dhachaigh is bha e doirbh. Cha robh mi a' smaointinn gum faighinn cothrom eile.

"Tha mo theaghlach toilichte an seo is tha mi fhìn dìreach glè thoilichte far a bheil mi is am ball-coise a' còrdadh rium gu mòr", thuirt e.

Thuirt manaidsear Chounty, Jim Mac an t-Saoir, gu bheil iad 'son Boyce a chumail.

"Chan eil sinn airson Liam a reic", thuirt Mac an t-Saoir.

"Tha sinn air ar dòigh leis is tha sinn airson is gum fuirich e cho fada is a ghabhas", thuirt e.

Bha deagh naidheachd ann dha Mac an t-Saoir cuideachd is Ryan Dow air ainm a chur ri cùmhnant ùr le County.

Cumaidh an cùmhnant Dow ann an Inbhir Pheofharain gu 2019.