Iomagain mu fharpais eadar chompanaidhean adhair

  • 8 An t-Ogmhìos 2017
Plèana

Thog Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, ceist mun bhuaidh mhaireannach a bhiodh aig farpais eadar diofar chompanaidhean air slighean adhair dhan sgìre.

Bidh Loganair a' ruith sheirbheisean eadar na h-Eileanan, tìr mòr na Gàidhealtachd agus bailtean mòra na h-Alba bhon t-Sultain.

Tha Flybe, ann an co-bhonn ri Eastern Airways, air innse ge-tà, gum bi iadsan cuideachd a' ruith phlèanaichan air cuid de na slighean a bhios aig Loganair, an t-seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Glaschu nam measg.

Ged a tha cuid dòchasach gum bi faraidhean nas saoire ri fhaotainn ri linn, thuirt an Comh. Robasdan gun robh grunn dhaoine air ceist a thogail leis mu dè thachradh mura biodh gu leòr de dh'iarrtas ann airson nan seirbheisean sin.

Clach às an adhair

Dh'innis Mgr Robasdan gun tàinig an naidheachd bho Flybe "mar chlach às an adhair".

Thuirt e gu bheil e air beachdan làidir fhaighinn bho dhaoine agus faireachdainn ann gur e deagh rud a th' ann am farpais, agus gun toir e prìsean sìos. Ach, tha cuid eile iomagaineach.

"Ma chuireas aon chompanaidh às dhan chompanaidh eile, thathas a' faicinn gun tig na prìsean suas anns an àm ri teachd agus tha sin na dhragh dha gu leòr.

"Chan eil dad againn an aghaidh farpais, ann an dòigh 's e deagh rud a th' ann, ach 's e dè a thachras anns na bliadhnaichean a tha romhainn," thuirt Mgr Robasdan.

Tha an Comhairliche a' sireadh chòmhraidhean sna làithean a tha romhainn gus am faigh an t-ùghdarras barrachd mìneachaidh air na tha fa-near dha na companaidhean agus gus am bi tuigse nas fheàrr aca air buaidh na farpais air na seirbheisean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile