Cothroman greis gnìomhachais an Ratharsair

  • 9 An Cèitean 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Sgoilearan Bun-sgoil Ratharsair a' faighinn greis-gnìomhachais

Gheibh clann aig Bun-sgoil Ratharsair cothrom greisean gnìomhachais anns a' choimhearsnachd a dhèanamh an t-seachdain seo.

Ma dh'obraicheas an sgeama dearbhaidh, tha dòchas ann gun tèid a feuchainn aig sgoiltean anns an Eilean Sgitheanach.

Dh'innis Ceannard na sgoile, Wilma NicDhonnchaidh, gum faigh na sgoilearan sealladh air farsaingeachd de dh'obraichean leithid còcaire, neach-trèanaidh pearsanta agus neach-deasachaidh pàipeir-naidheachd.

Thairis air seachdain, chì iad dè na sgilean a tha a dhìth airson nan diofar obraichean a tha a' dol air adhart air an eilean. Mar eisimpleir, aig Taigh Mòr Ratharsair, cuiridh iad eòlas air obair còcaire.

A thuilleadh air sin, le taic bho eòlaichte às an Eilean Sgitheanach, feuchaidh na sgoilearan air obair-chlachaireachd agus dùil gun togar balla ùr timcheall na sgoile.

Sgilean

Thuirt Ms NicDhonnchaidh: "Tha mi a' smaoineachadh gum bi seachdain eireachdail aca.

"Tha iad gu bhith a' cleachdadh clàr-ama sònraichte, co-cheangailte ri "leasachadh an luchd-obrach òig" agus tha e cudromach gu bheil a' chlann a' faicinn gu bheil ceangal eadar na sgilean a tha iad a' cleachdadh anns a' chlas agus obair anns na gnìomhachasan mu thimcheall orra," thuirt i.

A bharrachd air sgilean ùra agus misneachd mun t-saoghal mhòr a thoirt don chloinn, thathas an dòchas gun toir sgoilearan na sgilean coimhearsnachd air ais dhan chlas cuideachd.