Manifesto Aonadh nan Tuathanach

  • 9 An Cèitean 2017
Caora Image copyright Getty Images

Ged nach do dh'fhoillsich na pàrtaidhean mòra manifesto an taghaidh aca fhathast, tha Aonadh nan Tuathanach ann an Alba air sin a dhèanamh.

Tha iad air liosta ullachadh de na rudan a dh'iarradh iad agus iad ag ràdh gu bheil àiteachas ann an Alba a' crochadh gu mòr air deagh aonta nuair a dh'fhàgas Breatainn an t-Aonadh Eòrpach.

Air thoiseach air taghadh na h-ath-mhìos, tha Aonadh nan Croitearan ann an Alba air am manifesto aca a chleachdadh gus iarraidh air an ath Riaghaltas Bhreatannach aonta mhath fhaighinn do ghnìomhachasan an àiteachais, a' bhìdh agus an deoch ann an Alba sna còmhraidhean a th' air thoiseach orra.

Trì prìomhachasan

A rèir a' mhanifesto, tha aonta math do dh'àiteachas na h-Alba a' crochadh air trì prìomhachasan a choileanadh:

- Aontaidhean Saor-Mhalairt adhartach aontachadh leis an EU agus com-pàirteachaidhean malairt eadar-nàiseanta, a chumas inbhean deuchainneach ris a' ghnìomhachas, a chumas cho mòr 's a ghabhas ris na h-aon riaghailtean, agus a chuireas dìon air margaidh na RA bho bhathair saor o thall-thairis.

- Poileasaidh àiteachais a th' air a dhealbh às ùr, le buidseat sònraichte airson àiteachas gnìomhach, èifeachdach agus torrach - le prìomhachasan poileasaidh gan leasachadh agus gan lìbhrigeadh le Riaghaltas na h-Alba.

- Dòigh chiallach air dèiligeadh ri "in-imreachd cheannsaichte" a leigeas le gnìomhachasan àiteachais agus bìdh na h-Alba cothroman a thoirt do luchd-obrach bhon EU ann an obraichean seusanail agus maireannach, sgileil agus neo-sgileil.

Le draghan air nochdadh mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig Brexit air àiteachas ann an Alba, dh'innis Raibeart Dòmhnallach bho Aonadh nan Tuathanach gur ann timcheall air suidheachadh Bhrexit a chaidh am manifesto a stèidheachadh.

Thuirt e gu bheilear a' sùileachadh gun tèid am Prìomhaire, Theresa May, dhan Bhruiseil a "bharganachadh gu cruaidh" airson aontaidhean saor-mhalairt, gus an tèid aca air leantainn orra gnothaichean a chur a-null dhan Roinn Eòrpa.

Gealltanasan

Le iomadach seòrsa gnìomhachais a' sireadh ghealltanasan, leithid bancairean, gnìomhachas chàraichean is eile, tha luchd an aonaidh draghail nach tèid cus prìomhachais a thoirt do dh'àiteachas ann an còmhraidhean Bhrexit.

Gu ruige seo, tha Theresa May air a bhith a' putadh gu mòr airson margaidhean eile a bhrosnachadh air feadh an t-saoghail.

Dh'innis Mgr Dòmhnallach gur ann dhan Roinn Eòrpa a tha a' mhòr-chuid de stuthan-malairt, leithid feòil nan uan, a' dol aig an ìre seo, suidheachadh nach gabh atharrachadh ann am priobadh na sùla.

Thuirt e gu bheilear ag obair gu cunbhalach gus margaidhean ùra fhosgladh, ach gur e obair a tha sin a bheir ùine.

Riaghladh

A thaobh riaghlaidh, tha mòran sa ghnìomhachas an-dràsta searbh de na riaghailtean a tha a' Bhruiseil a' sparadh air tuathanaich 's air croitearan. Ach, tha dòchas ann gun tig atharraichean.

"Tha sinn beò an dòchas gur e aon rud a thachras nuair a thig sinn a-mach às an Roinn Eòrpa, gun tèid na laghannan a lagachadh is gun tèid coimhead orra, agus an sgrìobhadh ann an dòigh a tha freagarrach airson Breatainn, agus Alba gu h-àraidh," thuirt Mgr Dòmhnallach,

Thuirt e gu bheil àiteachas na chumhachd do Dhùn Èideann agus, na bheachd-san, bho thachair sin, gu bheilear beagan nas fheàrr dheth ann an Alba na tha tuathanaich Shasainn a tha fo smachd Westminster.