Cha sheas na h-Uainich aig tuath

  • 9 An Cèitean 2017
Ionad-bhòtaidh Image copyright Getty Images

Dhearbh Pàrtaidh Uaine na h-Alba nach bi iad a' cur air adhart thagraichean ann an gin de na sia roinnean-taghaidh air Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan aig an Taghadh Choitcheann an ath-mhìos.

Thuirt am pàrtaidh gun do rinn iad an co-dhùnadh ri linn 's gu bheil an taghadh "leanabail".

Dh'iarr àrd-bhuill an SNP air a' Phàrtaidh Uaine roimhe gun tagraichean a chur air adhart ann an roinnean cudromach, gus nach sgaradh iad taic do neo-eisimeileachd - ris a bheil an dà phàrtaidh a' cur taic.

Thuirt na Tòraidhean gun do "shoirbhich leis an SNP ann a bhith ag innse do na h-Uainich na bu chòir dhaibh a dhèanamh".

Am measg nan roinnean far nas seas tagraiche Uaine, tha Moireibh, a th' air a riochdachadh le leas-Cheannard an SNP, Aonghas Robasdan, ach air a bheil na Tòraidhean ag amas gu sònraichte anns an taghadh.

Shoirbhich leis na h-Uainich aig tuath ann an taghadh nan ùghdarrasan ionadail air an t-seachdain seo chaidh, 's iad a' faighinn chomhairlichean air Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Arcaibh airson a' chiad uair. Tha BPA Liosta aig a' phàrtaidh, Iain Finnie, air Ghàidhealtachd.

Ìre Ionadail

Ach thuirt am pàrtaidh aig ìre ionadail nach cuireadh iad air adhart tagraichean anns an Taghadh Choitcheann, 's gun cuireadh iad an goireasan a dh'ionnsaigh taic a chur ris na riochdairean aca a th' air an taghadh mar-thà.

'S iad roinnean-taghaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean: Moireibh; Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach is Srath Spè; Ros, an t-Eilean Sgitheanach agus Loch Abar; Gallaibh, Cataibh agus Ros an Ear; Arcaibh is Sealtainn; agus na h-Eileanan an Iar. Chuir na h-Uainich tagraichean air adhart ann an trì de na roinnean aig an Taghadh Choitcheann mu dheireadh ann an 2015.

Thuirt Fear-Gairm a' Phàrtaidh Uaine air Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan, Seumas MacKessack-Leitch, a sheas ann am Moireibh an 2015, gum feuchadh am pàrtaidh ri cuideam a chur air na tagraichean eile "taobhadh le poileasaidhean adhartach", gun a bhith a' nochdadh taic do thagraiche sam bith.

"Aig taghadh àbhaisteach sam bith bhiomaid air a bhith moiteil tagraichean a chur air adhart gus iomairt dheimhinnte a ruith, ach chan e taghadh àbhaisteach a tha seo," thuirt e.

"'S ann air adhbharan poileataigs pàrtaidh, gun nàire, a chaidh an taghadh seo a ghairm, agus na Tòraidhean a' feuchainn ris na Làbaraich a sgrios ann an Sasainn agus sa Chuimrigh.

Image caption Tha an Tòraidheach Dùghlas Ros ag amas air Moireibh a thoirt bho Aonghas Robasdan aig an SNP.

"Chan eil gnothach aig an dol-a-mach leanabail a tha seo air Ghàidhealtachd no anns na h-Eileanan, gun luaidh air Alba is Èirinn a Tuath, agus cha dèan e ach luchd-bhòtaidh a thionndadh air falbh bho phoileataigs, 's iad a' fàs feargach mu mar a tha poileataigs ga làimhseachadh san dùthaich seo, gu h-àraid agus gnothaichean cus nas motha ris am feumar dèiligeadh."

Nuair a dh'fhoillsich Co-Fhear-Ghairm a' phàrtaidh, Pàdraig Harvie, gun robh e a' seasamh ann an Glaschu a Tuath san taghadh, thuirt e: "Bidh guthan uaine aig Westminster air leth cudromach anns a' bheagan bhliadhnaichean a tha romhainn."

Dh'iarr BP an SNP airson Dùn Èideann an Ear, Tommy Sheppard, roimhe air na h-Uainich gun bhòtaichean dhaoine a tha a' taobhadh ri neo-eisimeileachd a sgaradh ann an roinnean taghaidh a bh' air leth cudromach.

"Bidh iad ag iarraidh na h-uimhir de thagraichean a chur air adhart, oir 's e pàrtaidh nàiseanta a th' annta agus bidh iad ag iarraidh na h-argamaidean aca a dhèanamh ris a' bhun-stèidh aca, ach ann a bhith a' co-dhùnadh cò na roinnean anns an seas iad, 's anns nach seas iad, saoilidh mi gum bu chòir dhaibh a bhith mothachail nach dèan iad sgaradh am measg bhòtairean a tha taiceil do neo-eisimeileachd, agus gu h-àraid gun a bhith a' sgaradh na bhòta an aghaidh nan Tòraidhean."

Moireibh

Thuirt Tòraidhean na h-Alba gun robh an co-dhùnadh air sealltainn gun robh na h-Uainich "gun tairbhe", agus gun robh an SNP "draghail" mu roinnean leithid Moireibh.

Thuirt tagraiche nan Tòraidhean airson Moireibh, Dùghlas Ros, gun robh "coltas an èiginn" air a' cho-dhùnadh, agus gun robh e a' sealltainn "gun dèanadh na h-Uainich rud sam bith gus taic a thoirt don SNP 's grèim a chumail air eireabal na lèinne aca."

"Shoirbhich leis an SNP ann a bhith ag innse do na h-Uainich dè nì iad - agus tha sin a' sealltainn dìreach dè cho draghail 's a tha am pàrtaidh gun caill iad Moireibh.

"Fhad 's a dh'fheuch na h-Uainich ionadail ris an co-dhùnadh aca fhìrinneachadh, tha an naidheachd seo a' tighinn dìreach dà sheachdain an dèidh do Tommy Sheppard aig an SNP iarraidh orra gun seasamh, 's gun bhòt airson neo-eisimeileachd a sgaradh. Cha chuir ach bhòt do na Tòraidhean air an 8mh là den Ògmhios teachdaireachd shoilleir chun an SNP ann am Moireibh."

Thuirt Aonghas Robasdan, a tha a' riochdachadh Moireibh dhan SNP: "Cha chùm ach bhòt airson Buill SNP a chur gu Westminster air an ath-mhìos smachd air na Tòraidhean".

Aig a' cheart àm, thuirt ceannard nan Lib-Deamach an Alba, Uilleam Rennie, nach dèanadh ach am pàrtaidh aigesan "cobhair air a' Ghàidhealtachd bhon SNP", 's e ag ràdh gun robh taghadh dìreach anns a' chuid as motha de na roinnean aig tuath eadar na Libearalaich Dheamocratach agus an SNP".

'S i tagraiche nan Làbarach ann am Moireibh, Joanne Kirby, fhad 's tha na Lib-Deamaich aig an ìre seo gun tagraiche ainmeachadh airson Moireibh.

Feumaidh tagraichean a bhith air an ainmeachadh ro Dhiardaoin, 11mh an Cèitean.