Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Taghadh

Gheall na Tòraidhean gun cuir iad smachd air prìsean gas agus dealain ma ghlèidheas iad anns na Taghadh Choitcheann. Tha Centrica, dham buin British Gas, ag ràdh ge-tà, gum faodadh cosgais nas àirde agus call cosnaidh tighinn às sin, leis nas lugha farpais anns a' ghnìomhachas. Tha an SNP cuideachd a-mach air cumhachd, agus gnìomhachas na h-ola agus a' ghas gu h-àraid, 's iad ag iomairt ann an Obar Dheathain an-diugh.

Cuiridh Jeremy Corbyn iomairt taghaidh a' Phàrtaidh Làbaraich air bhonn gu foirmeil le rabhadh gum bi iad cruaidh air feadhainn a tha a' seachnadh chìsean, ceannardan companaidh a tha a' pàigheadh tuarastail mhòir dhaibh fhèin, agus bancairean sanntach. Agus canaidh e ann an òraid ann am Manchester, nach fheuch na Làbaraich ri Breatainn a chumail anns an Aonadh Eòrpach. Thuirt fear-labhairt nan Lib-Deamach air Brexit, Nick Clegg, gu bheil briathran Mhgr Chorbyn a' dearbhadh gur iadsan an aon phàrtaidh a bheir dùbhlan dha na Tòraidhean.

Poilis Còmhdhail Bhreatainn

Bidh bhòt ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh air plana a tha connspaideach airson Poilis Còmhdhail Bhreatainn ann an Alba a chur còmhla ri Poileas Alba. Seo a' chiad cheum gu ruige na Poilis a tha a' coimhead às dèidh na rèile a chur fo bhratach an fheachd Phoileas Nàiseanta. Tha Tòraidhean agus Làbaraich ag argamaid na aghaidh, ach tha dùil gum faigh am bile taic aig Holyrood.

Sandy Hamilton

Thàinig e am follais gun robh fear a chaill a bheatha ann an tubaist le speedboat air an deireadh-sheachdain fo chasaid mu dhràibheadh chunnartach a bu choireach ri bàs dithis sheann daoine. Chaidh corp Sandy Hamilton, a bha 35 bliadhna de dh'aois, agus a bhuineadh do cheann a tuath Shiorrachd Lannraig, a thoirt às a' mhuir far chladach Ghall-Ghàidhealaibh Là na Sàbaid.

Comhairle na Gàidhealtachd

Thuirt Mairead Davidson, ceannard nan Neo-eisimeileach air Comhairle na Gàidhealtachd, nach fheuch iad ri riaghladh beag-chuid leotha fhèin. 'S iad na Neo-eisimeilich a' bhuidheann as motha, le 28 ball, agus an SNP an uair sin le 22. Tha tuilleadh chòmhraidhean ann an-diugh airson buidheann riaghlaidh a stèidheachadh, ged nach tuirt an Comh. Davidson cò a b' fheàrr leatha ann an co-bhanntachd.

Stailc Òraidichean

Tha òraidichean aig colaistean na h-Alba air stailc an-diugh a-rithist 's iad a' gearain mu phàigheadh agus cùmhnantan obrach. Agus mura tig adhartas à còmhraidhean eadar an t-aonadh aca an EIS agus Colaistean na h-Alba an-diugh tha dùil ri stailc eile an-earrar, agus a-rithist an ath-sheachdain.