Dannsadh Salach aig Eden Court

  • 9 An Cèitean 2017
Carlie Milner agus Lewis Griffith Image copyright Neil G Paterson
Image caption Carlie Milner agus Lewis Griffith le Cupa na Camanachd.

Cha robh taghadh cho glàmarach a-riamh aig Cupa na Camanachd.

Chruinnich iad aig Eden Court le na cleasaichean Carlie Milner agus Lewis Griffiths, rionnagan Dirty Dancing a tha a' dol aig an taigh-chluiche an-dràsta.

Bha sùilean muinntir na h-iomain air cò bhiodh a' dannsadh le cò san dàrna cuairt de Chupa na Camanachd, ge-tà, is rinn Carlie is Lewis an gnothach air geamaichean inntinneach a thoirt dhuinn.

'S e an geama as tarraingiche, 's dòcha, an dearbaidh eadar Gleann Urchadain is Lòbhat.

Bha làmh an uachdair aig balaich Chill Tharaglain anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh - is iad a' buannachadh Chupa na Camanachd fhèin ann an 2015 - ach tha sgioba a' Ghlinne air a' chùis a dhèanamh orra dà thuras mar-thà am-bliadhna - gam pronnadh 5-0 an dàrna turas.

Bha Lòbhat suas is sìos ann an 2017, ach às dèidh dhaibh Ceann Loch Seile a chur a-mach à Cupa MhicThàmhais faodaidh iad a bhith misneachail mun turas aca a Dhruim na Drochaid.

Tha Seile fhèin ann an sunnd is sin an aon gheama am-bliadhna nach do bhuannaich iad.

Dùbhlan

Cha robh an taghadh buileach fàbharach dhaibhsan le Camanachd an Òbain gus tadhal air a' Chlachan Aillseach.

Doirbh - ach bidh Ceann Loch Seile toilichte a bhith aig an taigh, àite far an do rinn iad a' chùis air Baile Ùr an t-Slèibh 4-1 Disathairne seo chaidh.

Bha seusan car cugallach aig a' Bhaile Ùr gu ruige seo is iad mar-thà air dà gheama lìge a chall a-mach à sia.

Cha chuireadh sin dragh air iomadach sgioba, ach bha am Baile Ùr air a dhol dà bhliadhna ron sin gun chall san lìog idir.

Ceist no dhà mu sgioba an Eilein, a thòisicheas an oidhirp Cupa na Camanachd a dhìon le geama air falbh an aghaidh a' Ghearasdain no Celtic an Òbain.

Tha na nàbaidhean aca shuas an rathad ann an Ceann a' Ghiùthsaich air tòiseachadh gu math is comharran ann gu bheil an ginealach òg aca a-nise a' tighinn gu ìre.

Chuir muinntir Dirty Dancing iad a Phort Rìgh san dàrna cuairt de Chupa na Camanachd, geama a tharraingeas sluagh math a Phàirc nan Laoch.

Thug na Sgitheanaich geama doirbh dhan Bhaile Ùr bho chionn cola-deug, is iad a' caoidh gun robh iad sìos 2-0 cho tràth air an fheasgar.

Image caption Tillidh cuairt dheireannach Chupa na Camanachd a Phàirc a' Bhucht am-bliadhna.

Le toiseach-tòiseachadh nas làidire bidh iad ag amas air feasgar doirbh a thoirt a Cheann a' Ghiùthsaich.

Bidh dearbaidh cuideachd ann an Caol a' Ghearasdain far an tèid Cill Mhàillidh an aghaidh Loch Abair.

Choinnich na sgiobaidhean san lìog Disathairne is Cill Mhàillidh a' buannachadh 2-0.

B' e sin a' chiad bhuaidh aca san lìog den t-seusan, is dh'fhàg e Loch Abar ann an staing aig a' bhonn.

Tha feum aig sgioba Drochaid an Aonaichean dùsgadh san aithghearrachd, is bidh iad an dòchas gur e dearbaidh sa Chaol an lasair a tha a dhìth orra 'son cùisean a chur gu dol.

Tha Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal a' dèanamh nas fheàrr na bha mòran an dùil sa Phrìomh Lìog, ach thug an taghadh dhaibh geama doirbh an aghaidh Chaol Bhòid.

Chan eil duine ag iarraidh a dhol a Thaigh na Bruaich ann an Cupa na Camanachd, is gu h-àraidh le Caol Bhòid gun chall idir am-bliadhna fhathast.

Bhiodh sgioba Ghlaschu glè riaraichte, shaoileadh tu, nam b' urrainn dhaibh an geama sin a thoirt air ais dhan Eochair.

Eachdraidh

Thèid Cabair Fèidh dhan phàirc far an robh fear de na làithean as fheàrr aca a-riamh air ais ann an 1934.

B' e sin a' bhliadhna a thog iad Cupa na Camanachd ann an Inbhir Aora le buaidh 3-0 an aghaidh Chaoil Bhòid.

Cha do bhuannaich Cabers an duais mhòr bhon uairsin ach tha Caoimhin Bartlett - a bha cho cudromach do Lòbhat nuair a bhuannaich iad ann an 2015 - air ais dhachaigh ann an Srath Pheofhair is coltas glè mhath air an sgioba.

Tha Inbhir Aora iad fhèin a' togail sgioba ùr, is bidh Cabair Fèidh misneachail gun dèan iad a' chùis a-rithist taobh Loch Fìn.

Sa gheama mu dheireadh thèid Srath Ghlais an aghaidh Cill Mhoire.

Bidh na geamaichean ann Disathairne an 27mh den Chèitean.

Bidh cuairt dheireannach na bliadhna aig Pàirc a' Bhucht Disathairne an 30mh den t-Sultain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile