Smachd air teintean

  • 9 An Cèitean 2017
Falaisgear Image copyright Robert Melvin
Image caption Bha falaisgear mòr eadar Loch an Inbhir agus Sùlabheinn an t-seachdain seo chaidh.

Dh'innis Seirbheis Smàlaidh na h-Alba gun do chuir iad dhà theine monaidh air a' Ghaidhealtachd às.

Bha mu 30 smàladair a' strì ri teine a thòisich ann an Srath Oiceall ann an Cataibh Didòmhnaich.

Fhuair iad smachd air an teine oidhche Luain.

Cuideachd Diluain chaidh luchd-smàlaidh bhon Ghearasdan is Drochaid an Aonachain an sàs le teine ann an Gleann Èite.

B' e an dàrna teine an sin ann am beagan làithean

Tha sreath de theintean air a bhith ann anns na làithean mu dheireadh, fear eadar Loch an Inbhir agus Sùlabheinn an t-seachdain seo chaidh ris an robh luchd-smàlaidh a' strì fad dà là, is thàinig rabhadh às ùr bhon t-seirbheis.

Thuirt iad gu bheil an deagh aimsir a' fàgail gu bheil cunnart a bharrachd ann is an talamh cho tioram.

Dh'iarr iad daoine a bhith faiceallach a-muigh, is gun a bhith a' tilgeil air falbh toit no teine campachaidh fhàgail.

Thuirt iad gum faod falaisgearean maireachdainn grunn làithean, is sgrios a dhèanamh air talamh is an àrainneachd mu thimcheall.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile