Corp air a lorg an Loch Carrann

  • 9 An Cèitean 2017
Seumas Fewell Image copyright Poileas Alba

Cha deach a dhearbhadh fhathast cò an corp a fhuaireadh air an deireadh-sheachdain ann an Loch Carrann.

Bha iomairt a' dol gus lorg fhaighinn air fear às a' Phloc, Seumas Fewell, no Bruce.

Chunnacas Mgr Fewell mu dheireadh sa Phloc air an 8mh den Ghiblean.

Chaidh an corp a lorg sa mhuir faisg air Àird nan Easgann le sgioba heileacoptair nam Poileas air an deireadh-sheachdain.

Chaidh fios a chur air teaghlagh Mhgr Fewell.