Coltas gum bi co-bhanntachd an Inbhir Nis

  • 9 An Cèitean 2017
Comhairle na Gàidhealtachd

Thuirt ceannard na buidhne as motha de chomhairlichean air Comhairle ùr na Gàidhealtachd gu bheil e gu math ao-coltach gum bi buidheann le beag-chuid a-mhàin a' riaghladh.

Thòisich còmhraidhean mu bhuidhinn-riaghlaidh ùr Diluain às dèidh an taghaidh Diardaoin seo chaidh.

Fhuair na neo-eisimeilich 28 ball (-5), an SNP 22 (+3), na Lib Deamaich 10 (-4), na Tòraidhean 10 (+10), na Làbaraich 3 (-5) agus na h-Uainich 1 (+1).

Thuirt an comhairliche neo-eisimeileach, Mairead NicDhàibhidh, gu bheil i an dòchas gun soirbhich le còmhraidhean Dimàirt airson buidheann riaghlaidh a stèidheachadh.

Cha tuirt i dè seòrsa co-bhanntachd a dh'iarradh iad, ged a tha cuid de na comhairlichean neo-eisimeileach air innse nach eil iad 'son a bhith a' riaghladh còmhla ris an SNP.

Tha comhairlichean an SNP mar-thà air leigeil fhaicinn nach rachadh iad ann an co-bhanntachd leis na Tòraidhean, is na Lib-Deamaich air innse nach obraicheadh iadsan leis an SNP air neo na Tòraidhean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile