Caoraich air an goid
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Caoraich air an goid san Eilean Sgitheanach

8 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha poileas anns an Eilean Sgitheanach a' sireadh fiosrachaidh an dèidh mar a chaidh còrr air deich caora thar fhichead a ghoid ann an ceann a tuath an eilein.

Thuirt na poileas gun deach na caoraich dhubh-cheannach a thoirt bho mhonadh ann an Tròndairnis sna sia seachdainean mu dheireadh.

Tha iad gu sònraichte airson fiosrachadh fhaighinn mu charaban ùra sam bith anns an sgìre.

Tha tuilleadh aig Calum MacIlleathain.