Rabhadh do luchd-coiseachd

  • 8 An Cèitean 2017
Image copyright Reamonn Lenkas

Thug na poilis san Eilean Sgitheanach rabhadh do luchd-coiseachd às dèidh mar a chaidh cobhair a dhèanamh air còignear thairis air an deireadh-sheachdain.

Chaidh fireannach, 66, a ghoirteachadh nuair a thuit e ann an Gleann Bhreatail oidhche Haoine.

Goirid às dèidh sin, chaidh cobhair a dhèanamh air dithis air an Diollaid ann an Cinn Tàile.

Distathairne rinneadh cobhair air dithis fhireannach a bha ann an èiginn is iad a' sreap ann an Tròndairnis.

Thàinig taic bho sgiobaidhean teasairginn an Eilein Sgitheanaich agus Chinn Tàile, is chaidh an còignear a thogail le heileacoptair nam maor-cladaich.

Thug an Sàirdseant Bruce Crawford bho Phoileas Alba ann am Port Rìgh taing dha na sgiobaidhean teasairginn agus criutha an heileacoptair.

Dh'iarr air daoine, ge-tà, a bhith deiseil airson là air a' bhlàr a-muigh, is a bhith mothachail air na comasan aca.

"Tha na beanntann gu h-àraidh trang an-dràsta is an aimsir cho math", thuirt an Sàirdseant Crawford.

"Gu mì-fhortanach, chunnaic sinn eisimpleirean air an deireadh-sheachdain air daoine nach robh ullaichte idir airson na bha romhpa.

"Bha sin a' gabhail a-steach feadhainn gun mhapa, toirds is aodach freagarrach", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile